ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Dè th’ anns an fhacal “crional”?

Gaelic Gàidhlig

[Marisa] ’S fhada bho chuala mise am facal a tha seo an toiseach, agus nuair a fhuair mi e bha mi ag ràdh rium fhìn “ò uill” …

[Ùisdean] Feuch air an fhacal a th’ ann an toiseach ach an cluinn iad e.

[Marisa] “Crional” ...

[Ùisdean] “Crional”.

[Marisa] … am facal a th’ ann.

[Ùisdean] “Crional”.

[Marisa] “Crional” agus tha e a’ ciallachadh blobhsa no còta-bàn. Rud bog a th’ air a dhèanamh do dh’aodach bog agus cuiridh, chuireadh boireannaich orra e mar bu thrice ris a’ chraiceann aca.

[Màiri-Anna] An “crional” a tha seo, a bheil lèine a’ tighinn às a dhèidh?

[Marisa] Uill thathas a’ smaoineachadh gur ann bhon fhacal sin a bha e a’ tighinn.

[Ùisdean] “Crionalan”, tha càirdeas aig a sin do Windowlean, nach eil?

[Marisa] Chan eil càirdeas sam bith!

[Ùisdean] Chan eil.

[Iain] Thogadh tu fhèin ri …?

[Marisa] Ach ’s mathaid gun glanadh tu …

[Ùisdean] … le “crionalan”.

[Marisa] Le “crionalan”, eil fhios agad nuair a dh’fhàsadh e aost’. Agus gheibheadh tu uaireannan polka dots, gheibheadh tu e, fhios agad, mar a bu mhotha a bha e a’ fàs fasanta.

[Ùisdean] An e “crional”, am faod mi faighneachd, an e “crional” a th’ anns an lèine aig Iain MacIlleMhìcheil mar eisimpleir?

[Marisa] Uill chan eil i fada bhuaithe.

[Iain] Ò chan eil. Chan eil i fada bhuaithe.

[Marisa] Ò tha i bog.

[Iain] Uill…

[Marisa] Tha i bog ri do chraiceann, nach eil?

[Iain] Tha i bog gu leòr, tha.

[DJ] ’S dè an linn às an tàinig am facal a tha seo, a Mharisa?

[Marisa] Ò uill chuala mise bho chionn fhada e. Feumaidh mise a ràdh gun cuala mise o chionn fhada e ach ...

[Ùisdean] Chan e sin buileach a’ cheist a chuir e ort.

[Marisa] Uill ’s e fìrinn na cùise, “dè an linn às an tàinig e?”, dè an linn às an tàinig am facal “dè”?

[DJ] Chan e idir “dè an linn às an tàinig e?” ach “dè an lèine às an tàinig e”?

[Ùisdean] ’S dòcha gur e sin a bha e a’ feuchainn ri bhith smart an seo.

[Marisa] Tha, tha, tha e a’ feuchainn ri bhith smart an seo.

[Màiri-Anna] Ri linn na crinolene a bha seo?

[Ùisdean] Comharra do Dhòmhnall Iain airson a bhith pongail, bha siud math.

[Marisa] An robh?

[Màiri-Anna] A bheil seo a’ ciallachadh muinntir an Rubha? Bha “crionalan” aca ’s bha iad a’ gearradh dheth an sgiort ’s am pìos a bha air fhàgail sin an “crional”?

[Marisa] Uill a bheil fhios agad, bha uaireannan eile ’s e am poca flùir leis am biodh iad a’ dèanamh, ’s dòcha, sgiorta.

[Màiri-Anna] Chan eil sin bog ri do chraiceann.

[Marisa] Chan eil ach eil fhios agad bha an rud na bu bhuige na sin, an stuth a bha seo, na bu bhuige na sin agus bha e na b’ fhaisge air a’ chraiceann. Bhiodh iad gan cleachdadh bhon b’ e aodach bog a bh’ ann. Bha iad ga chleachdadh na b’ fhaisge air a’ chraiceann.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

What does the word “crional” mean?

English Beurla

[Marisa] I first heard this word a long time ago, and when I learnt it I said to myself “oh well” …

[Hugh Dan] Say the word first so that they can hear it.

[Marisa] “Crional” ...

[Hugh Dan] “Crional”.

[Marisa] … is the word.

[Hugh Dan] “Crional”.

[Marisa] “Crional” and it means a blouse or a petticoat A soft item made of soft clothing and women wear, would wear it usually against their skin.

[Mary-Anne] This “crional”, does a shirt come after it?

[Marisa] Well it is thought that it comes from that word.

[Hugh Dan] “Crinolene”, that is linked with Windowlene, isn’t it?

[Marisa] There is no relation!

[Hugh Dan] There isn’t.

[John] You were raised?

[Marisa] But perhaps you could clean …

[Hugh Dan] … with “crinolene”.

[Marisa] With “crinolene”, you know when it got old. And you would sometimes get polka dots, you would get it, you know, as it was growing increasingly fashionable.

[Hugh Dan] Is it “crional”, may I ask, is John Carmichael’s shirt a “crional” for example?

[Marisa] Well it’s not far from it.

[John] Oh no. It’s not far from it.

[Marisa] Oh it is soft.

[John] Well…

[Marisa] It is soft against your skin, isn’t it?

[John] It is soft enough, yes.

[DJ] And what century did this word come from, Marisa?

[Marisa] Oh well I heard it long ago. I must say that I heard it long ago but …

[Hugh Dan] That’s not quite the question that he asked you.

[Marisa] Well the fact of the matter is, “what century did it come from?”, what century did the word “what” come from?

[DJ]Not what century did it come from but what shirt…”?

[Hugh Dan] Maybe that is what he was [doing], trying to be smart here.

[Marisa] Yes, yes, he is trying to be smart here.

[Mary-Anne] Because of all this

[Hugh Dan] A mark to Donald John for being articulate. , that was good.

[Marisa] Was it?

[Mary-Anne] Does this mean Point folk? They had “crinolene” and they cut off the shirt and the piece that was left that’s the “crional”?

[Marisa] Well do you know, there were other times where it was a flour bag that would, maybe, make a shirt.

[Mary-Anne] That isn’t soft against your skin.

[Marisa] No but do you know the item was softer than that, this stuff, softer than that and it was closer to the skin. They used it because it was soft clothing. They used it closer to the skin.

This programme, Aibisidh, was first broadcast in 2012.

Show English