menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Documentaries Prògraman Aithriseachd

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Là nan Athraichean

[Preseantair] Ann am Baile Dhubhthaich, tha Màiri sa chiad bhliadhna aice mar bean mhinisteir. Tha i a’ feuchainn ri cothromachadh iarrtasan a’ mhansa ri a dreuchd mar mhàthair do thriùir chloinne òg.

[Màiri] Fhios agad ’s urrainn dhuinn a bhith a’ dèanamh rudan dhan eaglais agus a’ chlann a bhith, fhios agad, air a thoirt a-steach dhan sin. Ach aig an aon àm feumaidh sinn cuideachd àm pearsanta dhuinn fhìn fhaighinn.

[Preseantair] Feasgar Disathairne agus tha Alasdair san study ag uallachadh searmon làrna mhàireach. Ach ’s e sin Là nan Athraichean cuideachd.

[Màiri] Bidh sinn a’ faighinn cairt agus chocolates no rudeigin. ’S caomh le Alasdair rud sam bith milis co-dhiù! Dìreach rud beag. Chan eil sinn a’ dèanamh rud mòr dheth idir, chan eil. Seall a-nis. Chan eil fhios cò dh’itheas seo, an e mamaidh no dadaidh! Dìreach fon seo, “ Happy Father’s Day”, “Gu Dadaidh”, no faodaidh tu “Gu Dadaidh” a sgrìobhadh shuas an siud. Carson as e peann dearg a th’ agad, a Cheit? Eil rùm agad? Rinn thu a’ chùis. Sin math. Seo a-nis, sgrìobh “Le gaol bho Luke, Emma ’s Ceit”.

[Preseantair] Tha Alasdair agus Màiri faiceallach nach bi a’ chlann fo uallach shònraichte ri linn an suidheachaidh sa choimhearsnachd.

[Alasdair] Tha thu a’ feuchainn leis a’ chloinn gun a bhith, fhios agad, ma bhios tu a’ trod riuth’ nach bi thu a’ cantainn riuth’ rudan man “uill cuimhnich. sibh clann ministeir ’s bidh daoine a’ cumail sùil oirbh” oir chan eil thu airson ’s gum bi iad searbh mu dheidhinn sin. Fhios agad agus ma bhios iad mì-mhodhail uill tha a h-uile duine cloinne ri mì-mhodh uaireigin.

[Màiri] Chan eil mi a’ smaoineachadh gur e rud math a th’ ann a bhith ag ràdh riuth’ “uill fhios agad ’s e clann ministeir…”. Tha clann nan clann. Feumaidh tu a bhith a’ toirt dhaibh cothrom a bhith … na personalities aca fhèin a thoirt a-mach.

[Preseantair] Madainn na Sàbaid agus tha a’ chairt agus na preusantan deiseil airson an toirt seachad.

[Màiri] Seall air an seo, Dadaidh.

[Alasdair] Ò ‘Dadaidh’. Dè an latha a th’ ann an-diugh?

[Cèit] Father’s Day.

[Alasdair] Father’s Day. “Being a Dad is such a tough job … but you have the tools to do the job right! Happy Father’s Day bho Ceit, Emma ’s Luke.” Uill tha sin cool. Nach eil sin àlainn, eh? Cò tha toirt dhomh hugs ma-tha? Dè tha seo? Ò wow, Number One Dad . Saoil an cuir mi seo orm dhan eaglais an-diugh? Ò mo chreach, ò chan eil fhios ’m mu dheidhinn seo, eh? Tha e rudeigin beag. An robh fear na bu mhotha ann?

[Màiri] Nise, tha mise ag iarraidh fear mar sin airson Mother’s Day ach rud beag nas motha.

[Alasdair] Tha Mother’s Day seachad, nach eil?

[Preseantair] Bidh Alasdair tric a’ tadhal air sgoiltean na sgìre. An-diugh tha e a’ dèanamh ullachadh caran annasach airson a dhol gu sgoil anns nach robh e roimhe.

[Alasdair] Uill tha mi a’ dol a-steach gu tè de na bun-sgoiltean. Tha mi air a bhith a’ dol dhan tèile bho thàinig mi agus dhan àrd-sgoil an seo ach cha robh mi anns an tè-sa fhathast. Mar sin ’s e rudeigin ùr a th’ ann agus chan eil càil a dh’fhios ’m dè tha romham. Uill le clann feumaidh tu rud a tharraingeas an aire. Tha am Bìoball a-staigh an sin ach ma bheir mi a-mach am Bìoball a’ chiad char ’s dòcha nach eil e … chan eil e cho furasta a thoirt orra èisteachd. Ach ma ghlacas tu an aire agus glacaidh tu an aire le na beans. Tha clann dèidheil air beans, eil fhios agad. A’ chuid mhòr aca co-dhiù. Mar as trice bidh mi a’ toirt am baga-sa leam dhan h-uile àite, dha na sgoiltean, agus bidh rudeigin agam am falach ann a bhios tu a’ toirt a-mach agus às dèidh dhut, na sgoiltean dham bi mi a’ dol tric, fhios agad, tha iad an-còmhnaidh a’ faighneachd “dè tha sa bhag’? dè tha sa bhag’ an-diugh?”. Nuair a thòisich mi a’ dol dha na sgoiltean bha e a’ dèanamh uallach mòr dhomh ’s dìreach, fhios agad, chuirinn ùine seachad a’ feuchainn ri smaoineachadh dè fon ghrèin a nì mi leis a’ chloinn an-diugh. Chan eil agad ach ’s dòcha deich mionaidean no mar sin. Ach a-nis tha e a’ còrdadh rium gu mòr. Tha mi air an uiread de dh’eòlas a chur air a’ chloinn.

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Fathers’ Day

[Presenter] In Tain, Mairi is in her first year as minister’s wife. She is trying to balance the demands of the manse with her role as a mother to three young children.

[Mairi] You know we can be doing things for the church and have the children you know taken into that. But at the same time we must also get personal time to ourselves.

[Presenter] Saturday afternoon and Alasdair is in the study preparing tomorrow morning’s sermon. But that’s also Father’s Day.

[Mairi] We will get a card and chocolates or something. Alasdair likes anything sweet anyway! Just a little thing. We don’t make a big thing of it at all, no. Look now. I don’t know who will eat this, is it mummy or daddy! Just under this, “Happy Father’s Day”, “To Daddy”, or you may write “To Daddy” up there. Why is it a red pen you’ve got, Kate? Do you have room? You managed. That’s good. Now, write “With love from Luke, Emma and Kate”.

[Presenter] Alasdair and Mairi are careful that the children won’t be specifically burdened because of their position in the community.

[Alasdair] You try with the children not to be, you know, if you are arguing with them that you don’t say to them things like “well remember, you’re minister’s children and people will be keeping an eye on you” because you don’t want them to be bitter about that. You know and if they are naughty well every child misbehaves sometimes.

[Mairi] I don’t think that it is a good thing to say to them “well you know minister’s children…”. Children are children. You must give them an opportunity to be … to express their own personalities.

[Presenter] Sunday morning and the card and the presents are ready to be given.

[Mairi] Look at this, Daddy.

[Alasdair] Oh ‘Daddy’. What day is it today?

[Kate] Father’s Day.

[Alasdair] Father’s Day. “Being a Dad is such a tough job … but you have the tools to do the job right! Happy Father’s Day from Kate, Emma and Luke.” Well that is cool. Isn’t that beautiful, eh? Who’s giving me hugs then? What’s this? Oh wow, Number One Dad. I wonder if I’ll put this on at church today? Oh goodness, oh I don’t know about this, eh? It’s a bit small. Was there a bigger one?

[Mairi] Now, I want one like that for Mother’s Day but a little bit bigger.

[Alasdair] Mother’s Day is past, isn’t it?

[Presenter] Alasdair often visits the area’s schools. Today he is doing fairly unusual preparation for going to a school that he’s not been to before.

[Alasdair] Well I am going in to one of the primary schools. I have been going to the other one since I came and to the high school here but I haven’t been in this one yet. Therefore it’s something new and I have no idea what’s ahead of me. Well with children you need something to draw their attention. The Bible is in there but if I take the Bible out straight away perhaps it isn’t … it isn’t as easy to make them listen. But if you catch their attention and you can catch their attention with the beans. Children are fond of beans, you know. Most of them anyway. Usually I take this bag with me everywhere, to the schools, and I will have something hidden in it that you take out and after you, the schools into which I go often, you know they will also ask “What’s in the bag? What’s in the bag today?”. When I started going to the schools it was a big burden for me and just you know I would spend (a lot of) time trying to think of what on earth I could do with the children today. You only have ten minutes or so. But now I really enjoy it. I have really got to know the children.

This programme, Bean a' Mhinisteir, was first broadcast in 2014.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

iarrtasan - demands

dreuchd - job

làrna mhàireach - tomorrow

caomh - like