menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Documentaries Prògraman Aithriseachd

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Mar a choinnich Màiri is Alasdair

[Preseantair] Tha Màiri agus Alasdair a’ toirt na cloinne gu Dòrnach airson an fheasgair. Às dèidh dusan bliadhna pòsta tha iad cho dlùth ’s a bha iad riamh. Ach cha robh an suirghe an toiseach às aonais cnapan-starra.

[Màiri] Choinnich sinn tron BhBC. Bha an dithis againn ag obair aig a’ BhBC. Bha Alasdair ann an Inbhir Nis agus bha mise ann an Steòrnabhagh.

[Alasdair] Dìreach beagan flirteadh air a’ choimpiutair. Sin mar a thòisich e. Agus tha mi a’ creidsinn gun robh grunn mhìosan ann mus do choinnich sinn.

[Màiri] Thug mi cuireadh dhut gu biadh.

[Alasdair] Àidh.

[Màiri] Bha sin na thoiseach-tòiseachaidh, cha chreid mi. Chòrd am biadh agam riut.

[Alasdair] Chan eil càil a chuimhne a’m fiù ’s dè bh’ ann. Ach dìreach dh’fhàs e dìreach air a shocair fhèin. Fhios agad nuair a tha sibh, nuair nach eil sibh a’ fuireach anns an aon àite chan eil cùisean a’ dol a ghluasad ro luath co-dhiù.

[Màiri] ’S bhithinn-sa a’ dol a-mach tric an uair sin.

[Alasdair] Choinnich sinn corra uair nuair a bha thu ag iarraidh dha na bùithtean. Cha b’ ann gam fhaicinn-sa a bha thu a’ tighinn!

[Màiri] Bha an dà chuid ann.

[Alasdair] Tha luaran orm-sa a-nis. Bidh sinn a’ gabhail biadh.

[Màiri] Sandwich, sandwich dhut-sa a Cheit. Fhios agad air an seo…

[Alasdair] Cha do ghoid thu ghuga.

[Màiri] Cha do rinn mi sandwiches gu leòr! Cò th’ air diet?

[Luke] Mise!

[Preseantair] Le Màiri agus Alasdair a bhith cho trang fad na seachdain tha e cudromach gu bheil iad a’ cur ùine an dàrna taobh airson a bhith còmhla ris a’ chloinn.

[Màiri] A bheil sibh ag iarraidh a dhol chun tràigh?

[Alasdair] Bidh tòrr de theaghlaichean ministeir a’ gearain nach eil iad a’ faicinn an athar agus gun deach an athair a ghoid orra leis a’ mhinistearalachd. Feumaidh tu a bhith uabhasach faiceallach mu dheidhinn sin bhon dh’fhaodadh tu an t-seachdain a chur seachad a’ sealltainn ri feuman dhaoine eile agus a’ dìochuimhneachadh do theaghlaich. So mar sin mas urrainn dhuinn idir a h-uile Disathairne, ’s e an latha as duilghe ann an dòigh dhòmhsa sin a dhèanamh agus glè thric airson a bhith cinnteach gun urrainn dhomh a dhèanamh bidh mi ag obair anmoch. Ach ’s fhiach e. Fhios agad tha e a’ còrdadh riutha-san a bhith a’ tighinn a-mach.

[Màiri] Tha e air a bhith ag obrachadh glè mhath dhuinn ge-tà.

[Alasdair] Tha dhut-sa. Tha srann agad nuair a tha mise a’ studigeadh!

[Màiri] Bidh mi a’ coimhead air adhart ri Disathairne. Chan eil mi a’ còcaireachd air oidhche Shathairne a bharrachd. Tha mi a’ gabhail break bho bhith a’ còcaireachd agus tha sinn a’ faighinn takeaway air oidhche Shathairne. Agus tha sin dìreach, tha e mar latha dheth, eil fhios agad ’s e sin an latha dheth againn.

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

How Mairi and Alasdair met

[Presenter] Mairi and Alasdair are taking the children to Dornoch for the afternoon. After twelve years married they are as close as they ever were. But their courting wasn’t initially without obstacles.

[Mairi] We met through the BBC. The two of us were working at the BBC. Alasdair was in Inverness and I was in Stornoway.

[Alasdair] Just a bit of flirting on the computer. That’s how it started. And I think a few months past before we met.

[Mairi] I invited you to a meal.

[Alasdair] Aye.

[Mairi] That was the beginning, I think. You enjoyed my food.

[Alasdair] I have no recollection even what it was. But just it grew just in its own time. You know wwhen you don’t live in the same place things aren’t going to move too quickly anyway.

[Mairi] And I would go out often then.

[Alasdair] We met a few times when you were wanting to go tothe shops. It wasn’t to see me that you came!

[Mairi] It was both.

[Alasdair] I’m dizzy now. We’re having food.

[Mairi] Sandwich, a sandwich for you Kate. Do you know this…

[Alasdair] You didn’t steal a gannet.

[Mairi] I didn’t make enough sandwiches! Who is on a diet?

[Luke] Me!

[Presenter] With Màiri and Alasdair so busy during the week it is important that they put time aside to be with the children.

[Mairi] Do you want to go to the beach?

[Alasdair] Lots of ministers’ families complain that they don’t see their father and that their father was stolen from them by the ministry. You must be very careful about that because you could spend the week seeing to other people’s needs and forgetting your family. So therefore if we can at all every Saturday, that’s the most difficult day in a way for me to do that and often to be sure that I can do it I work late. But it’s worth it. You know they enjoying coming out.

[Mairi] It has been working really well for us though.

[Alasdair] It has for you. You snore when I’m studying!

[Mairi] I look forward to Saturday. I don’t cook on a Saturday night either. I take a break from cooking and we get a takeaway on a Saturday night. And that is just, it’s like a day off, you know that’s our day off.

This programme, Bean a' Mhinisteir, was first broadcast in 2014.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

cuireadh - invite

toiseach-tòiseachaidh - very beginning

luaran - dizzy

guga - baby gannet