ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Nicknames

Farainmean

Look@LearnGaelic - Àrd Ìre (C1)Look@LearnGaelic - Proficient (C1)

Video is playing in pop-over.

Subtitles: Gaelic Fo-thiotalan: Gàidhlig Subtitles: English Fo-thiotalan: Beurla Subtitles: none Às aonais fo-thiotalan Download text (Gaelic and English) Faigh an teacsa (Gàidhlig agus Beurla)

Farainmean

Gaelic Gàidhlig

Far-ainmean

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Bha oileanach òg a' sireadh beagan fiosrachaidh mu fhar-ainmean. Mar sin chaidh e a choimhead air Coinneach Dhonnchaidh Bhig. Chuir mac Dhonnchaidh Bhig fàilte chridheil air agus shuidh iad gus agallamh a dhèanamh.

Dh'fhaighnich an t-oileanach do Choinneach mu fhar-ainmean Gàidhealach. "Uill," arsa am bodach, "bha far-ainmean air a' mhòr chuid - air sgàth 's gun robh na h-aon ainmean air na h-uimhir de dhaoine. Cha b' fhiach faighneachd mu Dhòmhnall Macleòid oir bhiodh ochdnar dhiubh san aon bhaile, ach, nan canadh tu Dòmhnall Sheumais a' Ghobha, uill, bhiodh fios aig daoine - sa bhad - cò bha sin."

Is lean e air, "Tha dèagh chuimhn' agam air Ceitidh Mòrag Mhurchaidh Dhòmhnaill. Bha i fhèin agus a bràthair, Calum, nam fìor nàbaidhean dhomhsa. Nuair a bhiodh feum agam air cuideigin a shuidheadh dhomh 's mi a' tarraing dhealbhan, bhiodh nighean Mhurchaidh Dhòmhnaill an còmhnaidh deònach sin a dhèanamh.

"Bha bodach àraid, Seòcan Mòr Chnoc Èisgein, a' fuireach sa bàgh mu choinneamh an taighe againn 's tha cuimhn' agam gun robh Stineag Sheòcain, no nighean Sheòcain Mhòir, na balbhan.

"Agus bha cailleach ann, leis an ainm Ceit a' Bhaghlaich. Nuair a bha mise beag, bhiodh Seòcan Mòr a' cur orm gum bithinn a' pògadh nighean a' Bhaghlaich. Ach cha bhitheadh!

"Bha fiù 's àiteachan air an ainmeachadh air daoine. Mar eisimpleir, anns a' bhaile againne bha dà abhainn: Abhainn 'Ain Bhig agus Abhainn 'Ain Mhòir.

"Agus bha sgeulachd aig Uilleam Aonghais Chaluim mu bhith a-muigh aig muir ann an geòla aig àm a' chogaidh - 's iad air flod airson làithean. Dh'innseadh e mu dhaoine a chaill am beatha còmhla ris. Nuair a dhèanadh mac Aonghais Chaluim cupa teatha sheasadh an spàin leatha fhèin annsa mhuga - le cho làidir 's a bha i!"

Abair gun do chòrd an t-agallamh ris an oileanach! Cha b' e a-mhàin gun d' fhuair e am fiosrachadh a bha a dhìth air, ach cha robh aige ach ri aon cheist fhaighneachd - is rinn am bodach an còrr!

Sùil air ais

Coinneach Dhonnchaidh Bhig
mac Dhonnchaidh Bhig
Dòmhnall Sheumais a' Ghobha
Ceitidh Mòrag Mhurchaidh Dhòmhnaill
nighean Mhurchaidh Dhòmhnaill
Seòcan Mòr Chnoc Èisgein
Stineag Sheocain, no Nighean Sheocain Mhòir
Ceit a' Bhaghlaich
nighean a' Bhaghlaich
Abhainn 'ain Bhig agus Abhainn 'ain Mhòir
Uilleam Aonghais Chaluim
mac Aonghais Chaluim

Nicknames

English Beurla

[GILLEASBUIG] A young student was looking for information on nicknames. So he went to visit Kenneth, the son of Little Duncan. Little Duncan's son gave him a warm welcome and they sat down to conduct the interview.

The student asked Kenneth about Gaelic nicknames. "Well," said the old man, "most people had nicknames - because so many people had the same names. There was no point in asking about Donald Macleod because there were eight of them in the same village, but if you said Donald, son of James the smith, well, everyone knew - immediately - who that was."

And he continued, "I remember Katie Morag, daughter of Murdo, son of Donald. She and her brother, Calum, were good neighbours to me. Whenever I needed someone to sit for me when I was drawing pictures, the daughter of Murdo, son of Donald, was always willing to do so.

"An old man, Big Jock from Eisgean Hill lived on the bay in front of our house and I remember that Stineag, Jock's daughter, or Big Jock's daughter, was mute.

"And there was a woman whose name was Kate, daughter of the man from Benbecula. When I was little, Big Jock used to accuse me of kissing the man from Benbecula's daughter. But I didn't!

"Even some places were named after people. For example, in our village there were two rivers: Little Iain's River and Big Iain's River

"And William, the son of Angus, the son of Calum told a story about being out at sea in a yawl during the war - and they drifted for days. He would tell of the people with him who lost their lives. When the son of Angus, son of Calum made a cup of tea, the spoon would stand in the mug by itself because of how strong it was!"

The student really enjoyed the interview! Not only did he get the information he wanted, but he only had to ask one question - and the old man did the rest!

Look back

Kenneth, son of Little Duncan
the son of Little Duncan
Donald, son of James the smith
Katie Morag, daughter of Murdo, son of Donald
the daughter of Murdo, son of Donald
Big Jock from Eisgean Hill
Jock's daughter, Stineag, or Big Jock's daughter
Kate, daughter of the man from Benbecula
the daughter of the man from Benbecula
Little Iain's River and Big Iain's River
William, son of Angus, son of Calum
the son of Angus, son of Calum

Show English

look@LearnGaelic is a series of videos aimed at learners of Scottish Gaelic. It features a variety of styles, including interviews with experts and Gaelic learners, monologues and conversations. Use the links above to select subtitles in English or Gaelic - or to turn them off altogether. 'S e sreath de bhidiothan gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an look@LearnGaelic. Bidh measgachadh de mhonologan ann, agallamhan le eòlaichean is luchd-ionnsachaidh, agus còmhraidhean. Gheibhear fo-thiotalan anns a' Ghàidhlig agus ann am Beurla.