ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic Sounds

Fuaimean na Gàidhlig

Look@LearnGaelic - Àrd Ìre (C1)Look@LearnGaelic - Proficient (C1)

Bhidiothan a chuidicheas thu le gnàthasan-cainnte, gràmar is briathrachas. Gaelic videos to help you develop your idioms, grammar and vocabulary.

Tha an Look@LearnGaelic ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Look@LearnGaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Subtitles: Gaelic Fo-thiotalan: Gàidhlig Subtitles: English Fo-thiotalan: Beurla Subtitles: none Às aonais fo-thiotalan Download text (Gaelic and English) Faigh an teacsa (Gàidhlig agus Beurla)

Fuaimean na Gàidhlig

Gaelic Gàidhlig

Fuaimean na Gàidhlig

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Fàilte. Bheir sinn sùil air cuid de rudan a bhios a' toirt buaidh air fuaimneachadh na Gàidhlig.

Mar luchd-ionnsachaidh, tha e uaireannan doirbh dhuinn am blas dòigheil fhaighinn. Tha deagh naidheachd agam dhut ged-tà. Ma chumas tu rud no dhà nad inntinn fhad 's a bhios tu a' bruidhinn, bidh am fuaimneachadh agad fada nas fheàrr, nas nàdarra, agus bidh do chuid Gàidhlig nas fhasa a thuigsinn.

A' chiad rud, agus is dòcha an rud as cudromaiche, 's e sin, dè cho fada 's a tha na fuaimreagan agad? Sin agad na litrichean a, e, i, o agus u. Uaireannan bidh iad air am fuaimneachadh fada, agus ann an Gàidhlig an latha an-diugh tha iad gan sgrìobhadh fada le bhith a' cur stràc os an cionn: à, è, ì, ò agus ù. Tha iad dha-rìribh fada. Tha e fada nas ceirte a bhith gam fuaimneachadh ro fhada seach ro ghoirid. Bidh iad a' cuideachadh ruitheam do chainnt. Mar eisimpleir tha e fada nas fheàrr a bhith ag ràdh: "Chì mi a-màireach thu," seach: "Chi mi a-maireach thu."

Uaireannan, 's e an diofar eadar dà fhacal gu tur diofraichte a tha san fhuaimreig agus cho fada 's a tha i. Fàisg agus faisg no bàta agus bata. Gabh air do shocair e agus dèan cinnteach gu bheil na fuaimreagan fada agad dha-rìribh fada.

Tha fuaimreagan cudromach cuideachd san ath rud air an toir sinn sùil. Bidh fuaimreagan a' toirt buaidh air na litrichean a tha mun cuairt orra. Tha seo a rèir an e fuaimreag leathann a tha ann: a/à, o/ò no u/ù, no caol: e/è no i/ì. Bidh thu a' cluinntinn seo tric nuair a bhios daoine a' bruidhinn.

Èist ri seo.

Seall. 'S e latha math a th' ann. Nach tèid sinn don bhaile leis na gillean?

An cuala tu diofar seòrsaichean de "l" an sin? "l" leathann ann an "seall" agus "latha" agus "l" caol ann am "baile", "leis" agus "gillean".

Bidh an aon seòrsa rud a' tachairt le caochladh de litrichean. Bidh na fuaimreagan a bhios mun cuairt orra a' toirt buaidh air mar a chanas tu iad.

Èist ri seo. Feuch an cluinn thu an diofar eadar litrichean le fuaimreagan caol mun cuairt orra agus na h-aon litrichean le fuaimreagan leathann mun cuairt orra.

Bha sinn ann an Lunnainn uaireigin agus chunnaic sinn tòrr rudan inntinneach. Chòrd e gu mòr rinn. An Tùr fhèin agus Drochaid an Tùir. Chaidh sinn seachad air Lùchairt Bhuckingham agus chaidh sinn air Rathad-iarainn Aotrom nan Calaidhean agus chunnaic sinn na togalaichean mòra an sin. Bha sinn ann an Abaid Westminster agus chunnaic sinn Lia Fàil, no mar a tha aig cuid, Clach-chrùnaidh na h-Alba. Tòrr rudan, ach na rudan a b' fheàrr leinn, 's e na taighean-tasgaidh agus margaidhean nan sràidean.

Is dòcha gun toir e greiseag mus bi do chluais an gleus gus na diofar fhuaimean a chluinntinn. Tha beagan cuideachaidh dhut anns na bonn-nòtaichean.

Mar sin leibh an-dràsta.

Bonn-nòtaichean

Èist ris an diofar eadar:

  • an dà ‘nn’ ann an “Lunnainn
  • an ‘r’ ann an “r” agus “Tùir”, agus ann am “r” agus “air
  • an ‘d’ ann an “rudan”, “seachad” no “rathad” agus “sràidean”, “Drochaid” no “Abaid”.

An cluinn thu fhèin litrichean eile a tha diofraichte?

Gaelic Sounds

English Beurla

[ANGELA] Welcome. Let's take a look at some of the factors that affect Gaelic pronunciation.

As learners, it can sometimes be difficult for us to find the correct accent. I have good news for you though. If you bear a couple of points in mind whilst you are speaking, your pronunciation will be much better, more natural and your spoken Gaelic will be easier to understand.

The first, and possibly the most important point is how long are your vowels? These are the letters a, e, i, o and u. Sometimes they are sounded long, and in modern-day Gaelic, their length is indicated by the addition of a grave accent above them: à, è, ì, ò and ù. They really are long. It is much more correct to sound them too long than too short. They help with the rhythm of your speech. For example, it's much better to say: "Chì mi a-màireach thu," than: "Chi mi amaireach thu."

Sometimes the difference between two very different words is indicated by the vowel and its length. Squeeze and near or boat and walking stick. Take your time and make sure that your long vowels are indeed long.

Vowels are also important in the next case we are going to look at. Vowels have an effect on the letters that surround them. This depends on whether the vowel is broad: a/à, o/ò or u/ù, or slender: e/è or i/ì. You often hear this when people are speaking.

Listen to this.

Look. It's a nice day. Shall we go into town with the boys?

Did you hear different types of "l" there? A broad "l" in "seall" and "latha" and a slender "l" in "baile", "leis" and "gillean".

The same thing happens with a number of letters. The vowels that surround them affect the way in which you pronounce them.

Listen to this. See if you can hear the difference between letters surrounded by slender vowels and the same letters surrounded by broad vowels.

We once went to London and we saw lots of interesting things. We really enjoyed it. The Tower and Tower Bridge. We went past Buckingham Palace and we took the Docklands Light Railway and saw the large buildings there. We went to Westminster Abbey and saw the Stone Of Destiny, or, as some call it, the Coronation Stone of Scotland. Lots of things, but the things we enjoyed most were the museums and street markets.

It may take a while for your ear to become attuned to the different sounds. There are some pointers for you in the footnotes.

Goodbye for now.

Footnotes

Listen to the difference between:

  • the two ‘nn’ sounds in “Lunnainn
  • the ‘r’ sounds in “r” and “Tùir”, and in “r” and “air
  • the ‘d’ sounds in “rudan”, “seachad” or “rathad” and “sràidean”, “Drochaid” or “Abaid”.

Can you hear any other letters (sounds) which differ?

Show English

look@LearnGaelic is a series of videos aimed at learners of Scottish Gaelic. It features a variety of styles, including interviews with experts and Gaelic learners, monologues and conversations. Use the links above to select subtitles in English or Gaelic - or to turn them off altogether. 'S e sreath de bhidiothan gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an look@LearnGaelic. Bidh measgachadh de mhonologan ann, agallamhan le eòlaichean is luchd-ionnsachaidh, agus còmhraidhean. Gheibhear fo-thiotalan anns a' Ghàidhlig agus ann am Beurla.