An Giuthas Bunya
A few weeks ago, I was in Queensland in Australia. I was in the capital
city, Brisbane. I met a group of Gaelic learners in the city’s main
library. My blessings on them for learning our language.
An amazing tree grows there. People call it the Bunya Pine. It reaches
fifty metres in height. It’s rather like the Monkey Puzzle Tree. The
leaves are tough and sharp. It’s the nuts that make the tree famous.
They are tasty and nutritious. I tried some that had been roasted. They
were somewhat like a mixture of brazil nut and potato. I enjoyed them.
The nuts appear in fruits – cones – that are incredibly big and heavy.
Each one is up to ten kilograms in weight. If a Bunya cone fell on your
head from a high branch – well, it could split your head. And they fall
without warning.
It’s thought that dinosaurs were eating the nuts, for the tree is very
old. Whether or not that is true, the aborigines were, and are, very
keen on them. Clans would gather together at particular times to eat
the Bunya nuts.
That was a time for joy, when marriages would be organised, and peace
between the clans. In 1842, the felling of these trees in a large area
was prohibited, because they were so valuable.
Today, it is not only the aborigines who are keen on Bunya nuts. Some
people put them on a pizza or make pesto with them!
In addition to Bunya nuts, I ate another indigenous food while I was in
Queensland. That was a sort of lobster called a Moreton Bay Bug. It is more
tasty than its name! But I enjoyed the Bunya nuts more. Fortunately the
cone in which they [had been contained] fell some distance from me!
The Bunya Pine
O chionn beagan sheachdainean, bha mi ann an Tìr na Banrigh ann an
Astràilia. Bha mi anns a’ phrìomh bhaile, Brisbane. Thachair mi ri
buidheann de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann am prìomh leabharlann a’
bhaile. Mo bheannachd aca airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain.
Tha craobh iongantach a’ fàs an sin. Canaidh daoine an Giuthas Bunya rithe.
Bidh i a’ ruigsinn caogad meatair ann an àirde. Tha i rudeigin coltach ri
Craobh-thòimhseachain a’ Mhuncaidh. Tha na duilleagan righinn agus biorach.
ʼS iad na cnothan a tha a’ dèanamh na craoibhe ainmeil. Tha iad blasta agus
beathachail. Dh’fheuch mi feadhainn a bha air an ròstadh. Bha iad car
coltach ri measgachadh de chnò-bhrasail agus buntàta. Chòrd iad rium.
Bidh na cnothan a’ nochdadh ann am measan – durcain – a tha cianail mòr is
trom. Bidh suas ri deich cileagram de chuideam anns gach fear. Nan tuiteadh
durcan Bunya air do cheann à geug àrd – uill, dh’fhaodadh e do cheann a
sgàineadh. Agus bidh iad a’ tuiteam gun rabhadh.
Thathar a’ smaoineachadh gun robh dìneasaran ag ithe nan cnothan oir tha a’
chraobh gu math sean. Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, bha agus tha na
tùsanaich gu math measail orra. Bhiodh fineachan a’ tighinn cruinn còmhla
aig amannan àraidh airson na cnothan Bunya ithe.
B’ e sin àm airson gàirdeachas, nuair a bha pòsaidhean air an cur air
dòigh, agus sìth eadar na fineachan. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a
dhà (1842), chaidh stad a chur air leagail nan craobh seo ann an sgìre
mhòr, a chionn ʼs gun robh iad cho prìseil.
An-diugh, chan iad na tùsanaich a-mhàin a tha measail air cnothan Bunya.
Bidh feadhainn gan cur air pizza no a’ dèanamh pesto
leotha!
A bharrachd air cnothan Bunya, dh’ith mi biadh dùthchasach eile fhad ʼs a
bha mi ann an Tìr na Banrigh. B’ e sin nàdar de ghiomach air a bheil Moreton Bay Bug. Tha e nas blasta na ainm! Ach chòrd na cnothan Bunya rium na b’ fheàrr.
Gu fortanach thuit an durcan anns an robh iad pìos air falbh bhuam!