FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Giuthas Bunya

Tha an Giuthas Bunya gu math cunnartach do mhac an duine. Giuthas Bunya?

Audio is playing in pop-over.

An Giuthas Bunya

Tha an Giuthas Bunya gu math cunnartach do mhac an duine. Giuthas Bunya? Nach e craobh a tha sin? Uill, ʼs e, agus tha e gu cinnteach cunnartach. Ach chan ann air sgàth ʼs gu bheil e puinnseanta.

Tha a’ chraobh – am Bunya Pine – a’ fàs ann an Tìr na Banrigh ann an Astràilia. Bha mi ann a sin o chionn ghoirid – anns a’ phrìomh bhaile, Brisbane. Thachair mi ri buidheann de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann. Mo bheannachd aca airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain.

Tha an Giuthas Bunya gu math mòr. Bidh e a’ ruigsinn caogad meatair ann an àirde. Tha na duilleagan righinn agus biorach. Tha na cnothan a bhios a’ nochdadh oirre blasta agus beathachail. Dh’fheuch mi feadhainn a bh’ air an ròstadh. Bha iad car coltach – ann am blas agus cruth – ri measgachadh de chnò-bhrasail agus buntàta.

Thuirt mi aig toiseach gnothaich gu bheil a’ chraobh cunnartach. Ciamar? Uill, bidh na cnothan a’ nochdadh ann am measan – durcain – a tha cianail mòr is trom. Tha na durcain a’ coimhead car coltach ri anann nopineapple. Nuair a bha mi a’ coimhead air a’ Ghàidhlig air pineapple, lorg mi ubhal-giuthais aig Dwelly. Saoil am fac’ Eideard còir Giuthas Bunya? Tha ‘ubhal-giuthais’ a’ dèanamh ciall dhomh, an dèidh dhomh an Giuthas Bunya fhaicinn.

Bidh na durcain suas ri deich cileagram ann an cuideam. Ma thuiteas fear caogad meatair à geug, dh’fhaodadh e cur às do dhuine le bhith a’ sgàineadh a chinn. Agus bidh iad a’ tuiteam gu h-obann, gun rabhadh. Chan aithne dhomh gun deach duine a mharbhadh le durcan Bunya, ach chaidh feadhainn a chur don ospadal.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh dìneasaran ag ithe chnothan bunya oir tha a’ chraobh gu math math sean. Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, bha agus tha na tùsanaich gu math measail orra. Bhiodh na fineachan a’ tighinn cruinn còmhla aig amannan àraidh – a h-uile trì bliadhna – airson na cnothan Bunya a chruinneachadh agus ithe. B’ iad na Beanntan Bunya an t-àite as cumanta ʼs a bhitheadh iad.

B’ e sin àm airson gàirdeachas agus carthannas, nuair a bhiodh pòsaidhean agus ceanglaichean eadar fineachan air an cur air dòigh. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1842), chaidh stad a chur air leagail nan craobh seo ann an sgìre ann an ceann an earra-dheas Tìr na Banrigh, a chionn ʼs gun robh iad cho prìseil.

An-diugh, bithear a’ cumail fhèilltean ann an co-cheangal ris a’ Ghiuthas Bhunya, far am bithear ag ithe biadh dùthchasach. Agus chan iad na tùsanaich a-mhàin a tha measail air cnothan Bunya. Tha feadhainn a-nise gan cur gu feum air muin pizza agus airson pesto a chruthachadh!

A bharrachd air cnothan Bunya a ghabhail, dh’ith mi biadh dùthchasach eile fhad ʼs a bha mi ann an Tìr na Banrigh. B’ e sin nàdar de ghiomach air a bheil Moreton Bay Bug. Tha e nas blasta na ainm, ach chòrd a’ chnò Bhunya rium na b’ fheàrr – agus bha i an-asgaidh! Bha am Bug math gu leòr, ach ʼs fheàrr leam na muasgain-chaola againn fhìn.

Litir 1035 Litir 1035 Litir 1037 Litir 1037

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!