Tha seanfhacal ann mu farmad. ’S e sin “envy”. Farmad. Seo an seanfhacal: Sgoltaidh farmad na creagan. Sgoltaidh farmad na
creagan. Tha e a’ ciallachadh gum faod farmad a bhith làidir làidir. Gum faod farmad mòr rudeigin mì-nàdarrach a dhèanamh. Gum faod e a bhith cho làidir ’s
gum bris e clachan, no creagan, ann an dà phìos. Gum faod farmad creagan a sgoltadh.
’S e sin a tha an seanfhacal ag ràdh. Ach a bheil e fìor? Uill, a rèir choltais, tha. Seo agaibh naidheachd bheag a tha a’ dearbhadh gu bheil e fìor.
Thachair e o chionn fhada air a’ Ghàidhealtachd.
Bha fear ann uaireigin, agus bha e dìcheallach. Bha e ag obair gu cruaidh. Bha e a’ dèanamh mòran caise. Bha e a’ dèanamh barrachd càise na duine sam bith
eile anns a’ choimhearsnachd. Agus bha e a’ reic barrachd càise na duine sam bith eile. Bha e gu tric a’ coiseachd seachad air na nàbaidhean le poca air a
dhruim. Bha e a’ dol don mhargaidh. Anns a’ phoca bha càbag. ’S e càbag pìos mòr cruinn càise. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn airgead airson na
càbaig anns a’ mhargaidh.
Ach cha robh na nàbaidhean toilichte leis. Cha robh càbagan acasan. Bha iad a’ smaoineachadh gu robh e a’ dèanamh cus airgid. Bha esan a’ fàs beartach. Bha
iadsan bochd. Bha na nàbaidhean a’ coimhead air le farmad.
Là a bha seo, bha fear na càbaig a’ coiseachd seachad air taighean a nàbaidhean. Bha poca air a dhruim. Ach cha robh càbag anns a’ phoca an turas seo. Bha
clach-mhuilinn anns a’ phoca – clach-mhuilinn bheag. Ach cha robh fios aig na nàbaidhean gu robh clach aige. Bha iadsan a’ smaoineachadh gu robh càbag aige
a-rithist. Agus bha iad farmadach. Bha iad a’ coimhead air an duine le farmad mòr nan cridhe.
Agus thachair rud annasach. Nuair a ràinig an duine a’ mhargaidh, dh’fhosgail e am poca. Agus dè lorg e? Cha robh a’ chlach-mhuilinn slàn. Bha i air a
briseadh ann an dà phìos. Bha i air a sgoltadh. Ach dè sgolt i? Cha do thachair dad, ach gun do choimhead na nàbaidhean air le farmad. Thachair e dìreach
mar a chanas an seanfhacal. Sgoltaidh farmad na creagan.