Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun leabhar ùr aig Raghnall MacIlleDhuibh – The Gaelic Otherworld. Tha an leabhar stèidhichte
air dà sheann leabhar le Iain MacGriogair Caimbeul. Tha beul-aithris ann air iomadach rud. Am measg sin tha an droch-shùil. ’S e sin an “evil
eye”. An droch-shùil.
Seo mar a thachair e ann an dachaigh air a’ Ghàidhealtachd. Nuair a bha pàiste tinn, gun fhios carson, bha cailleach a’ tighinn don taigh. Bha bobhla aig
a’ chaillich. Chuir i uisge glan anns a’ bhobhla. An uair sin chuir i bonn-airgid anns a’ bhobhla. Chuir i am bobhla bun-os-cionn. Nan robh am bonn-airgid
a’ steigeadh ri bonn a’ bhobhla, bha droch naidheachd ann. Bha an droch-shùil air am pàiste a chronachadh.
An uair sin dè thachradh? Uill, seo mar a mhìnich fear à Tiriodh e. “Nuair a bha mi nam bhalach,” thuirt e, “chaidh mi gu taigh nàbaidh… Bha pàiste anns an
taigh. Bha am pàiste tinn… Bha bobhla aig cailleach. Bha uisge anns a’ bhobhla. Chuir a’ chailleach am bobhla air a glùin. Bha i a’ bruidhinn os cionn a’
bhobhla… An dèidh greis, thòisich a’ chailleach air mèaranaich. Chan fhaca mi mèaranaich mar sin a-riamh. Bha mi a’ smaoineachadh gu robh i a’ dol a
bhàsachadh. Chuir i spògan a’ chait anns a’ bhobhla. Chuir i snàithlean dearg anns a’ bhobhla. Agus chuir i an snàithlean timcheall amhaich a’ phàiste.”
Sgrìobh an Caimbeulach rudeigin mu dheidhinn an uisge a bha anns a’ bhobhla. Sgrìobh e gur e “uisge casan an t-sealgair” a bha iad ag iarraidh. Uisge casan
an t-sealgair. Gu tric, ’s e cat an aon sealgair a bhiodh aca anns an taigh. Mar sin, chuir a’ chailleach spògan a’ chait san uisge.
’S e am “bruidhinn” a chuala am balach a’ gheas. Bha a’ chailleach a’ cur an uisge fo gheas. Ach carson a bha i a’ mèaranaich? Uill, bha sin a’ tachairt
nuair a bha an tinneas a’ fàgail a’ phàiste. Bha an tinneas a’ dol thairis don chaillich. Is bha an tinneas a’ toirt air a’ chaillich a bhith a’
mèaranaich.
A bheil sibh fhèin a’ mèaranaich an-dràsta? Tha mi an dòchas nach eil! Tha an t-àm agam falbh. Beannachd leibh.