Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1888) chaidh pàipear a leughadh aig coinneamh de Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Sgrìobh an t-Urramach Iain
MacGriogair Caimbeul am pàipear. Bha Mgr Caimbeul na mhinistear ann an Tiriodh. Chruinnich e beul-aithris.
’S e an tiotal a th’ air a’ phàipear Fionn’s Ransom. ’S e seann sgeulachd a th’ ann. Fhuair am ministear an sgeulachd ann an Tiriodh. Fhuair e bho
Iain MacIlleDhuinn i. ’S e an tiotal a th’ air an sgeulachd Èirig Fhinn. Tha sin a’ ciallachadh Fionn’s Ransom no Fionn’s Reparation. Seo an sgeulachd. Tha mi ga dèanamh goirid agus sìmplidh.
Là a bha seo, chaidh Fionn agus a cho-dhaltan don bheinn. Tha co-dhalta a’ ciallachadh foster-brother. Bha triùir cho-dhaltan aige. ’S
iad na h-ainmean a bh’ orra an Ridire Dearg, Ridire a’ Chùirn agus Ridire a’ Chlaidheimh. Bha iad còmhla air cnoc.
Thuirt Ridire a’ Chlaidheimh, “An robh fear ann a-riamh a rinn tàir air Fionn Mac Cumhail?”
Gu h-obann, thàinig marcaiche às an àird an iar-thuath. Bha e air each dubh. Bhuail e Fionn mun bheul. Chuir e sia fiaclan a-mach.
Thuirt na co-dhaltan gu robh iad a’ dol a dh’fhaighinn “Èirig Fhinn”. Chaidh iad don chladach. Bha long aca air a’ chladach. Chunnaic iad fear beag a’
tighinn faisg. Chuir iad fàilte air. Bha am fear beag ag iarraidh falbh còmhla riutha. Ach dhiùlt iad e.
Chaidh am fear beag gu Fionn. Leig Fionn leis dhol air bòrd. “’S fheàrr thu na clach co-dhiù,” thuirt Fionn. Chuir iad an long gu muir. Thog iad na siùil.
Rinn iad cùrsa gu Rìoghachd nam Fear Mòra.
Chaidh dà là seachad aig muir. Dh’iarr Fionn air a cho-dhaltan dhol suas an crann. Bha e ag iarraidh faighinn a-mach an robh iad faisg air tìr. Chaidh na
co-dhaltan suas pìos agus thill iad. Thuirt iad nach fhaca iad tìr. Cha robh dad ann ach muir is adhar.
Dh’èirich am fear beag. Leum e suas gu bàrr a’ chrainn. Nuair a thill e, thuirt e ri Fionn, “Cum romhad mar a tha thu.”
An làrna-mhàireach ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra. Bha iad anns a’ chala. Ach cha d’ fhuair iad gu tìr. Bha trì gathan teinnteach a’ dol timcheall a’
chala. Chuir am fear beag sgiath air a làimh chlì agus sgiath air a làimh dheis. Leum e gu tìr. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin an
ath-sheachdain.