Bha mi ag innse dhuibh mu Bhlàr na Lèine an t-seachdain sa chaidh. Bha sin aig ceann Loch Lòchaidh ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544). Bha
na Frisealaich an sàs ann. Chaill iad mòran dhaoine anns a’ bhatail.
Tha na Frisealaich inntinneach. Thàinig iad a dh’Alba bhon Fhraing. Bha sin mu naoi ceud bliadhna air ais.
Agus tha lus inntinneach air an t-suaicheantas aca. Tha lus co-cheangailte ri gach cinneadh. ’S e an lus a tha co-cheangailte ris na Frisealaich – an sùbh-làir. Dè tha sùbh-làir a’ ciallachadh? The ground-berry. Is dè a’ Bheurla a th’ air sùbh-làir? Strawberry. Agus ’s e
sùbh-craoibh a’ Ghàidhlig air raspberry.
Co-dhiù, bha an sùbh-làir air suaicheantas nam Frisealach anns an treas linn deug. Ach carson? Uill, seo stòiridh bho bheul-aithris. Agus cuimhnichibh gur
e Fraser a th’ orra ann am Beurla.
Tha Fraser co-cheangailte ris an fhacal fraise ann am Fraingis. Tha fraise a’ ciallachadh sùbh-làir. Tha na tartes aux fraises
anns an Fhraing uabhasach math.
Bha fear Frangach ann air an robh Julius de Berry. Bha e a’ cur sùbhaichean-làir don rìgh. Bha an rìgh uabhasach toilichte. Dh’òrdaich an rìgh dha ainm
atharrachadh gu Fraise. Agus dh’òrdaich e dha sùbhaichean-làir a chur air a shuaicheantas.
Tha cuid ag ràdh gur e Fraissier an t-ainm a thagh an rìgh. Tha sin a’ ciallachadh “fear a bhios a’ giùlain sùbhaichean-làir.” Fraissier.
Tha e coltach ri Fraser, nach eil? Uaireigin às dèidh sin, dh’fhalbh feadhainn de na Fraissiers a dh’Alba.
Tha an stòiridh glè laghach. Ach a bheil e fìor? Tha amharas agam nach eil. Tha e stèidhichte air an ainm ann am Beurla. Ach ’s e Friseal an t-ainm a th’
orra ann an Gàidhlig. Chan eil Friseal is fraise cho coltach ri chèile, a bheil?
Tha cuid ag ràdh gur e de Freselieres an t-ainm a bh’ air na Frangaich a thàinig a dh’Alba. De Freselieres. Chuir na Gàidheil Friseal orra, is chuir luchd na Beurla Fraser orra. Tha sin nas coltaiche, nach eil? Ach chan eil càil agam an aghaidh sùbhaichean-làir.
Chan eil càil nas fheàrr na sùbhaichean-làir ann am bobhla le uachdar air latha teth samhraidh.