FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clann ’ic Shimidh

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhlàr na Lèine an

Audio is playing in pop-over.

Clann ’ic Shimidh

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhlàr na Lèine an t-seachdain sa chaidh. Thug am batail sin fìor dhroch bhuaidh air Clann ’ic Shimidh. A rèir beul-aithris, am measg nan ceudan de Fhrisealaich is Granndaich a bha an sàs ann, choisich na bu lugha na leth-dhusan air falbh. Agus a bharrachd air sin, chaidh an ceann-cinnidh, Mac Shimidh fhèin, a mharbhadh.

Chan e sin a-mhàin ach nochd a mhac, Ùisdean, aig a’ bhlàr. Bha Mac Shimidh air òrdugh a thoirt dha fuireach aig an taigh. Ach thàinig e gu Loch Lòchaidh agus chaidh a mharbhadh-san cuideachd. No chaidh a leòn, agus chaochail e beagan làithean às a dhèidh.

A dh’aindeoin a’ chall, ge-tà, cha b’ fhada gus an robh Clann ’ic Shimidh air ais ann an suidheachadh làidir. Ciamar? Uill, a rèir beul-aithris a’ chinnidh, bha ochdad boireannach a bhuineadh dhaibh trom air an latha sin. Chaill iad na daoine cèile aca aig Blàr na Lèine ach, taobh a-staigh mìosan, rugadh ochdad gille – seadh, gillean uile gun sgeul air nighean sam bith nam measg! (is, ged a tha sin gu math eucoltach, chan urrainn dhut beul-aithris fhìrinneachadh no a bhreugnachadh!)

Ochd bliadhn’ deug às dèigh Blàr na Lèine bha fear ùr na cheann-cinnidh do Chlann ’ic Shimidh. B’ esan Ùisdean – Ùisdean eile – mac bràthair an fhir a chaidh a mharbhadh aig Ceann Loch Lòchaidh. Bha e dìreach seachd bliadhn’ deug a dh’aois. Agus chuir e fàilte sa bhliadhna sin air a’ Bhànrigh – Màiri Stiùbhart – nuair a thadhail i air Inbhir Nis.

Nuair a chaochail Ùisdean, bhathar ag ràdh gu robh naoi ceud gaisgeach de Chlann ’ic Shimidh aig a thiodhlacadh. A dh’aindeoin na sgrios aig Blàr na Lèine, dh’èirich na Frisealaich às ùr. Agus tha gu leòr dhiubh ann an-diugh – air feadh an t-saoghail, gu dearbh.

Tha rud inntinneach mu na Frisealaich – agus ’s e sin an lus a nochdas air an t-suaicheantas aca. ’S e sùbh-làir a th’ ann – strawberry. Tha e air a bhith air an t-suaicheantas aca bhon treas linn deug. Tha beul-aithris a’ dèanamh ceangal eadar an sùbh-làir agus an cinneadh seo – agus cuimhnichibh gur e Fraser a th’ orra ann am Beurla. ’S e fraise an Fhraingis airson sùbh-làir. Tha cuimhne agam glè mhath cho blasta ’s a bha na tartes aux fraises nuair a bha mi anns a’ Bhreatainn Bhig.

A rèir na sgeòil, bha fear Frangach ann air an robh Julius de Berry (seadh, de Berry). Bha e a’ toileachadh an rìgh le bhith a’ cur thuige bobhlaichean de shùbhaichean-làir. Dh’òrdaich an rìgh dha ainm atharrachadh gu Fraise agus sùbhaichean-làir a chur air suaicheantas a theaghlaich. A rèir cuid, ’s e Fraissier an t-ainm a thagh an rìgh air a shon. Tha sin a’ ciallachadh “fear a bhios a’ giùlain sùbhaichean-làir.” Uaireigin às dèidh sin, dh’fhalbh feadhainn dhen teaghlach a dh’Alba. Agus thug iad an t-ainm ùr leotha.

Uill, ’s e stòiridh laghach a th’ ann. Ach a bheil sibh ga chreidsinn? Chan eil? Chan eil, no mise. Uill, tha mi amharasach mu dheidhinn co-dhiù. Tha an stòiridh stèidhichte a-mhàin air coltas is fuaimneachadh an ainm ann am Beurla. Ach ciamar a dhèanamaid ceangal eadar fraise agus Friseal – dreach an ainm ann an Gàidhlig?

Tha cuid eile a’ dèanamh dheth gum b’ e de Freselieres an t-ainm a bh’ air na Frangaich a thàinig a dh’Alba. Bha feadhainn dhen aon ainm a’ fuireach ann an Sasainn aig an àm. Chuir na Gàidheil Friseal air an ainm, is chuir luchd na Beurla Fraser air.

Litir 370 Litir 370 Litir 372 Litir 372

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!