FaclairDictionary EnglishGàidhlig

John of Moidart  Iain Muideartach

Ann an còig ceud deug is ceathrad (1540), bha Iain

Audio is playing in pop-over.

Iain Muideartach

Ann an còig ceud deug is ceathrad (1540), bha Iain Muideartach anns a’ phrìosan. B’ esan ceann-cinnidh Chlann ’ic Ailein. Bha caraid aige, Raghnall Gallta, ag iarraidh a bhith na cheann-cinnidh. Fhuair e taic bho na Frisealaich. Chaidh e gu Caisteal Tioram, prìomh chaisteal Chlann ’ic Ailein. Ach cha robh an cinneadh ga iarraidh. Chaidh e dhachaigh don Mhanachainn.

Fhuair Iain Muideartach a-mach às a’ phrìosan. Chuir e feachd ri chèile. Bha e ag iarraidh stad a chur air Raghnall. Bha Iarla Hunndaidh an sàs ann cuideachd. Bha arm aige. Bha na Frisealaich còmhla ris. As t-samhradh còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544), thachair iad ri Iain Muideartach.

Bha còmhradh ann eatarra. Dh’aontaich iad dhol dhachaigh gun sabaid. Dh’fhalbh na Frisealaich tron Ghleann Mhòr. B’ e sin an rathad don Mhanachainn. Ach bha Iain seòlta. Cha deach e dhachaigh. Chaidh e gu ceann a tuath Loch Lòchaidh – anns a’ Ghleann Mhòr. Bha còig ceud saighdear aige. Bha iad a’ feitheamh ris na Frisealaich. Bha Raghnall Gallta am measg nam Frisealach.

Bha am batail ann am meadhan an Iuchair. Bha an latha uabhasach teth – dìreach mar a bha i ann am meadhan an Iuchair am-bliadhna. Bha lèana mòr aig ceann Loch Lòchaidh. Nuair a ràinig na Frisealaich an lèana, thug Clann ’ic Ailein ionnsaigh orra. Bha sabaid mhòr ann. Bha bàs uabhasach ann. Chaill na ceudan am beatha. Agus chaidh Raghnall Gallta a mharbhadh.

Thathar ag ràdh gun robh an latha cho teth ’s gun do reub na saighdearan an lèintean dhiubh. Agus gur e sin a tha a’ fàgail Blàr na Lèine (Field or Battle of the Shirt) air mar ainm. Bha lèintean nan saighdearan marbha air a’ bhlàr às dèidh làimh.

Tha cuid eile ag ràdh gun do thilg na saighdearan am fèilidhean dhiubh. ’S e dìreach lèintean a bh’ orra nuair a bha iad a’ sabaid. Tha sin a’ fàgail gur e Blàr na Lèine a th’ air mar ainm. Tha cuid eile ag ràdh nach eil an dà stòiridh sin fìor. Tha iadsan ag ràdh gur e Blàr na Lèana an t-ainm ceart – the Field or Battle of the Swampy Meadow.

Uill, cò aige tha fios. ’S e latha uabhasach a bh’ ann. Tha daoine ag ràdh gun robh uisge an locha dearg le fuil às dèidh làimh.

An Litir Bheag 65 An Litir Bheag 65 An Litir Bheag 67 An Litir Bheag 67

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!