FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A Double Grammar of English and Gaelic. (1) Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (1)

Tha leabhar math agam an-dràsta. Chan ann leamsa a tha

Audio is playing in pop-over.

Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (1)

Tha leabhar math agam an-dràsta. Chan ann leamsa a tha e, gu mì-fhortanach. Tha e le caraid dhomh. Tha e agam air iasad. Bidh mo charaid ga iarraidh air ais. Tha an leabhar gu math sean. Tha e gu math luachmhor, tha mi a’ smaoineachadh.

’S e an tiotal a th’ air Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig. No ann am Beurla: A Double Grammar of English and Gaelic. ’S e Iain Foirbeis, John Forbes, a sgrìobh e. Bha Foirbeis na mhaighstir-sgoile ann an Cille Chuimein. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) ann an Dùn Èideann. Chosg e ceithir tastain.

An toigh leibh leabhraichean gràmair? ’S dòcha nach toil. Ach ’s toigh leams’ iad. Tha gràmar inntinneach dhomh. Ann an gràmar chì thu beagan de dh’eachdraidh a’ chànain.

Do dhaoine nach eil measail air gràmar, bidh mi ag ràdh seo riutha. Is toigh leam coilltean. Is toigh leam a bhith a’ coiseachd ann an coilltean. Chì mi bòidhchead na coille. Ach ’s toigh leam cuideachd na lusan anns a’ choille. Chì mi bòidhchead anns gach lus. Chì mi bòidhchead anns an dòigh anns a bheil na lusan suidhichte còmhla.

Agus na beathaichean. Bidh nead sheangan an-còmhnaidh fo chraobh ghiuthais ann an àite tioram. Cha bhi e anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am boglach. Tha sin mar riaghailt gràmair, nach eil? Agus chan eil an t-eòlas sin a’ toirt bòidhchead air falbh bhon choille, a bheil?

Tha cànan mar sin cuideachd. Chì sinn bòidhchead ann an cànan. Chì sinn bòidhchead ann am bàrdachd is rosg. Tha bòidhchead anns an fhuaimneachadh is ann an ruitheam nam faclan. Ach chì sinn cuideachd bòidhchead anns an dòigh anns a bheil na faclan a’ dol còmhla.

Is toigh leam an liosta de chlisgearan aig Foirbeis. ’S e clisgear a’ Ghàidhlig air interjection. Clisgear. Seo eisimpleirean: slàn leat! airson adieu! Slàn leat. Mo thruaighe! airson alack! Mo thruaighe. Ist! no tosd! airson hush! Ist! no tosd! Ochòin! airson alas! Ochòin! Och nan ochan airson woe of woes! Och nan ochan! Agus mo chreach! airson my ruin, alas! Mo chreach!

A-nise, tha mi duilich, ach feumaidh mi falbh. Ochòin! Slàn leibh!

An Litir Bheag 67 An Litir Bheag 67 An Litir Bheag 69 An Litir Bheag 69

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!