Tha an samhradh ann a-nise. Bha an samhradh ann o chionn ceala-deug. Carson a tha mi ag ràdh sin? An e a’ chiad latha dhen Ògmhios a’ chiad latha dhen
t-samhradh? Uill, dhòmhsa, chan eil. Chan eil an samhradh a’ tòiseachadh air an aon latha a h-uile bliadhna, a bheil? Uaireannan bidh e ann tràth.
Uaireannan, bidh e anmoch.
Ach tha mi ag ràdh gu robh an samhradh ann o chionn ceala-deug. Aig an àm sin bha mi ann an Srath Spè. Agus bha a’ Chuithe Chrom briste.
Nise, ’s e a’ Chuithe Chrom sneachd air a’ Chàrn Ghorm. ’S e an Càrn Gorm tè de bheanntan àrda a’ Mhonaidh Ruaidh. Bidh mòran a’ sgitheadh air a’ Chàrn
Ghorm anns a’ gheamhradh. ’S e an t-àite as motha anns am bi daoine a’ sgitheadh coire air a bheil “An Coire Cas”. Aig ceann shuas a’ Choire Chais, nuair a
leaghas an sneachd as t-earrach, bidh a’ Chuithe Chrom air fhàgail. Sneachd ann an cumadh cromaig.
Nuair a leaghas a’ Chuithe Chrom, bidh i a’ briseadh anns a’ mheadhan. Bidh sin a’ tachairt faisg air deireadh a’ Chèitein no toiseach an Ògmhios. Agus
nuair a bhriseas i, ’s e sin toiseach an t-samhraidh. Agus, am-bliadhna, air an dàrna latha dhen Ògmhios bha i briste. Bha an samhradh ann. Agus bha i
brèagha blàth cuideachd.
Bha mi a’ coiseachd anns a’ mhonadh aig an àm sin. Bha mi air Creag Ghobharaidh. Tha sin gu tuath air Loch Mhùrlaig. Tha Loch Mhùrlaig eadar an Aghaidh
Mhòr agus an Càrn Gorm. Air an druim faisg air Creag Ghobharaidh tha clach mhòr ann. Tha i a’ stobadh an àirde.
Tha sgeulachd co-cheangailte ris a’ chloich. Bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium. Bha beagan Gàidhlig aice. “’S e an t-ainm a th’ oirre Clach an
Iutharnaich”, thuirt i. “The stone of the hellish man.” A rèir beul-aithris, bha fear cruaidh ann air an robh “An t-Iutharnach”. Bha bothan aige
faisg air làimh. Tha mi cinnteach gu robh esan cuideachd eòlach air a’ Chuithe Chruim.