FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The book of Matthew in the New Testament Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Tha mo shùil air a’ Bhìoball. Tha mi a’ leughadh

Audio is playing in pop-over.

Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Tha mo shùil air a’ Bhìoball. Tha mi a’ leughadh pìos de Leabhar Mhata. Tha sin anns an Tiomnadh Nuadh. Tha luchd-togail na cìse ann an Capernaum ag iarraidh air Peadar airgead a thoirt dhaibh. Tha Peadar a’ dol a-steach don taigh. Tha Ìosa a’ bruidhinn ris. Tha Ìosa ag iarraidh air Peadar dhol sìos don chladach.

“Tog a’ chiad iasg a thig a-nìos,” tha Ìosa ag ràdh. “Fosgail a bheul agus gheibh thu bonn airgid ann.” Tha Ìosa ag iarraidh air Peadar am bonn a thoirt do luchd-togail na cìse.

An aithne dhut an t-iasg ris an canar adag? Haddock ann am Beurla. Adag. Bha na seann daoine ag ràdh gur e iasg Pheadair a bh’ ann. Iasg Pheadair. Carson? Am bi iasgairean a’ lorg airgead ann am beòil adagan?!

Cha bhi. Ach tha dà bhall dhubh air an adaig. Tha fear air gach taobh dhen iasg. A rèir beul-aithris, dh’fhàg Peadar an dà bhall dhubh air an adaig. Rinn e na buill leis na corragan aige. Rinn e iad nuair a thog e an t-iasg airson an t-airgead a thoirt a-mach às a’ bheul aige.

Chuala mi an stòiridh sin aig seann bhoireannach nuair a bha mi òg. Bha i a’ fuireach air a’ Chomraich. Faisg air a’ Chomraich, bha àite ann aig muir a bha math math airson iasgach. ’S e Clach na h-Adaig an t-ainm a bh’ air. Bha mi a’ glacadh adaig ann. Ach bha mi cuideachd a’ glacadh seòrsa eile – a’ chaoiteag. Whiting ann am Beurla. A’ chaoiteag.

Tha an dà iasg sin car coltach ri chèile. Ach tha gob nas fhaide air a’ chaoiteig. Agus tha dà bhall dhubh air an adaig. “Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig,” bha na seann daoine ag ràdh. Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig.

Air Latha na Nollaige, anns an t-seann aimsir, bha na fir òga ann an Uibhist a’ dol a-mach ann am bàtaichean. Bha iad a’ cur dubhan sìos, mar a rinn Peadar anns a’ Bhìoball. Bha iad a’ toirt an èisg gu daoine bochda. ’S e an t-ainm a bh’ air sin Dèirce Pheadair. Peter’s Charity. Dèirce Pheadair.

An Litir Bheag 57 An Litir Bheag 57 An Litir Bheag 59 An Litir Bheag 59

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!