Tha an samhradh ann a-nise. Leis an fhìrinn innse, bha an samhradh ann o chionn ceala-deug. Ciamar a tha mi a’ tomhas sin? A bheil mi a’ gabhail ris gur e
a’ chiad latha dhen Ògmhios a’ chiad latha dhen t-samhradh? Uill, chan eil, oir tha e follaiseach dhomh nach eil an samhradh a’ nochdadh air an aon latha a
h-uile bliadhna. Uaireannan nochdaidh e tràth. Uaireannan, bidh e anmoch.
Ach tha mi ag ràdh gu robh an samhradh ann o chionn ceala-deug leis gun do chuir mi seachad deireadh-sheachdain ann an Srath Spè. Agus ’s e an rud as motha
a chomharraicheas gu bheil an samhradh ann, ann an Srath Spè, gu bheil a’ Chuithe Chrom briste.
Nise, ’s e a’ Chuithe Chrom an sneachd aig ceann shuas a’ Choire Chais air a’ Chàrn Ghorm – sneachd a th’ air fhàgail bhon gheamhradh nuair a tha a leithid
air leaghadh ann an àiteachan eile. Tha i ann an cumadh cromaig – an aon chumadh a h-uile bliadhna. Bidh i a’ briseadh anns a’ mheadhan timcheall air
deireadh a’ Chèitein no toiseach an Ògmhios. Agus nuair a bhriseas i, ’s e sin toiseach an t-samhraidh. No co-dhiù ’s e sin a chanadh na seann Ghàidheil
anns an sgìre. Air an dàrna latha dhen Ògmhios am-bliadhna, bha i briste, mura robh i briste roimhe sin.
’S e aon de na rudan eile a chomharraicheas an samhradh ann an Srath Spè – no co-dhiù anns a’ Mhonadh Ruadh – gu bheil an Lusan Albannach fo
bhlàth. An Lusan Albannach: ’s e sin a’ Ghàidhlig a th’ air an Trailing Azalea no Loiseleuria procumbens. ’S e a th’ ann lus beag ìosal a
tha a’ fàs faisg air an talamh – air talamh gu math àrd far a bheil a’ ghaoth làidir. Tha dìtheanan beaga pionca air aig an àm seo dhen bhliadhna. Tha e gu
math snog a’ coimhead.
’S e am Monadh Ruadh fear de na h-àiteachan far am faicear an Lusan Albannach gu nàdarrach. Ann am Breatainn, ’s ann ann an Alba a-mhàin a nochdas e agus
tha mi a’ dèanamh dheth gur e sin as coireach ri ainm ann an Gàidhlig. Ach ma choimheadas tu air na h-àiteachan feadh an t-saoghail far an nochd e, tha
iomadh dùthaich ann. Tha iad uile timcheall a’ Phòla mu Thuath.
Airson a bhith mionaideach mun àite far am faca mi an Lusan Albannach, bha mi air Creag Ghobharaidh. Tha sin gu tuath air Loch Mhùrlaig a tha eadar an
Aghaidh Mhòr agus an Càrn Gorm. Air an druim eadar Creag Ghobharaidh agus Meall a’ Bhuachaille, thàinig mi tarsainn air clach mhòr. Tha i air a dèanamh de
chlach-ghràin ruadh – a’ chlach a dh’fhàgas gur e “Am Monadh Ruadh” a chanas daoine ris na beanntan sin. Tha a’ chlach seo gu math mòr. Tha i a’ stobadh
suas os cionn an droma agus, gu dearbh, tha i cho mòr ’s gum faicear i bho bhonn a’ ghlinne.
Tha sgeulachd co-cheangailte ris a’ chloich. Bha tè às an Aghaidh Mhòir còmhla rium, is beagan Gàidhlig aice. “Clach an Iutharnaich”,
thuirt i. “Clach an Iutharnaich – the stone of the hellish man.” A rèir beul-aithris, bha fear cruaidh an-iochdmhor ann air an robh “An
t-Iutharnach”. Bha bothan aige faisg air làimh oir cha b’ urrainn dha fuireach còmhla ri càch anns a’ ghleann. Tha an t-Iutharnach air falbh, ach tha ainm
fhathast co-cheangailte ris an àite, ged nach eil e clàraichte air a’ mhapa. Tha an t-àm aig an t-Suirbhidh Òrdanais sin atharrachadh.