Ann am meadhan an naoidheamh linn deug bha coitheanalan mòra Gàidhlig ann an Inbhir Ùige. Bha Gàidhlig air a bruidhinn ann an Gallaibh – air an taobh an
iar agus anns a’ cheann a deas. Ach cha robh Gàidhlig aig muinntir Inbhir Ùige. Carson a bha na coitheanalan Gàidhlig cho mòr, ma-thà?
Ann am facal – “iasgach”. Chaidh mòran Ghàidheal a dh’Inbhir Ùige airson an iasgaich gach samhradh. Bha iasgach mòr ann an Inbhir Ùige. Bha suas ri ceithir
mìle duine a’ dol gu seirbheisean Gàidhlig air an t-Sàbaid. Bha iad ann am pàirc anns a’ bhaile.
Bha bonaidean Gàidhealach air na h-iasgairean Gàidhealach. Cha robh bonaidean mar sin air na h-iasgairean Gallta. Ach bha geansaidh air a h-uile iasgair,
Gàidheal agus Gall. Bha dà sheòrsa geansaidh aig gach iasgair. Bha fear ann airson obair. Agus bha fear spaideil ann. Bha sin airson gnothaichean
sòisealta. No airson a dhol don eaglais.
Bha diofar eadar an dà sheòrsa geansaidh. Bha putanan air an fheadhainn spaideil. Bha na putanan air na guailnean. Bhiodh suas ri ceithir putanan air gach
gualann aig geansaidhean iasgairean bhon chosta an ear. Bha cuid de dhaoine comasach air innse dè am port dham buineadh iasgair, le bhith a’ coimhead air
na putanan. Mar eisimpleir, bha ceithir putanan air gualann chlì iasgairean à Inbhir Ùige. Bha na putanan uaireannan na chuideachadh nuair a bha iasgair
air a bhàthadh. Bha fios aig daoine dè am port às an robh e.
Bha tòrr Gàidhlig ann an Inbhir Ùige ann am mìosan an t-samhraidh ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Cha robh cuid de mhuinntir a’ bhaile uabhasach
toilichte. Bho àm gu àm, bha sabaid ann eadar Gàidheil is Goill. Bha aimhreit mhòr ann aon turas. Bha sin ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859).
Canaidh daoine “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” rithe. Innsidh mi dhuibh dè thachair an ath-sheachdain.