FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald MacKay Dòmhnall MacAoidh

Bha Dòmhnall MacAoidh ann an geòla. Bha e faisg air

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall MacAoidh

Bha Dòmhnall MacAoidh ann an geòla. Bha e faisg air Inbhir Theòrsa. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn uisge ann am baraillean. Bha e air a thoirt am bruid ceithir bliadhna roimhe. A-nise bha e faisg air an dachaigh aige. Bha sin ann an Dùthaich MhicAoidh.

Chunnaic e feadhainn eile bhon sgìre aige fhèin. Bha iadsan ann am bàta eile. Dh’èigh iad air a chèile. Thionndaidh na maraichean an geòla. Chaidh iad air ais don luing. Chuir iad an seòl an àirde. Dh’fhalbh an long.

Chaidh trì bliadhna eile seachad. Bha Dòmhnall naoi bliadhn’ deug a dh’aois. Bha iad a’ seòladh faisg air costa mu thuath na h-Alba. Chaidh iad gu Loch Eurabol airson uisge. Bha Dòmhnall ag iarraidh teicheadh dhachaigh.

Chaidh e fhèin is fear eile gu tìr ann an geòla. Lìon iad baraillean le uisge. Dh’iarr Dòmhnall air an fhear eile leum a-steach don bhàta. Tharraing Dòmhnall na ràimh a-mach. Phut e an geòla gu muir.

Dh’èigh Dòmhnall air an duine eile, “Beannachd leat!” Agus theich e. Air mullach cnuic choimhead e air ais. Bha geòla eile aig na maraichean. Bha iad a’ tighinn às a dhèidh. Rinn Dòmhnall cabhag. Lorg e imir coirce. Bha adagan ann. Chaidh e am falach am broinn adag.

Làigh e gu sàmhach. Ruith na maraichean seachad air. An ceann greis, thill iad. Làigh Dòmhnall gu sàmhach airson greis a bharrachd. An uair sin, dh’èirich e. Cha robh sgeul air duine. Às dèidh seachd bliadhna bha e saor.

Air an làrna-mhàireach ràinig e Armadal. Chunnaic e athair. Bha e air a dhol liath. Chunnaic an croitear an srainnsear òg. Cha do dh’aithnich e e. Dh’iarr Dòmhnall cuid na h-oidhche air.

“Ceart gu leòr,” thuirt athair, “ach feumaidh mi bruidhinn ris a’ bhean agam.” Chaidh iad a-steach. Bha màthair Dhòmhnaill ann. Cha do dh’aithnich i an gille aice.

“O mo mhàthair!” dh’èigh e. “Nach eil sibh gam aithneachainn?!” Uill, dh’aithnich an uair sin. Is tha mi cinnteach gu robh deòir gu leòr a’ sruthadh.

An Litir Bheag 56 An Litir Bheag 56 An Litir Bheag 58 An Litir Bheag 58

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!