FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Tha mo shùil air a’ Bhìoball an-dràsta – air Leabhar

Audio is playing in pop-over.

Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Tha mo shùil air a’ Bhìoball an-dràsta – air Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh. Bidh feadhainn agaibh eòlach air mar a tha luchd-togail na cìse ann an Capernaum ag iarraidh air Peadar airgead cìse a thoirt dhaibh. “Nach bi ur maighstir a’ pàigheadh na cìse?” tha iad a’ faighneachd. Tha iad a’ ciallachadh Ìosa. Tha Peadar ag ràdh gum bi, ach seo mar a tha an gnothach a’ leantainn:

Nuair a chaidh e a-steach don taigh, labhair Ìosa ris, ag ràdh, “Ciod i do bharail-sa a Shimoin? Co bhuaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail càine no cìse? An ann bhon cloinn fhèin no bho choigrich?” Thuirt Peadar ris, “Bho choigrich.” Thuirt Ìosa ris-san, “Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor.”

“Gidheadh, gus nach toireamaid oilbheum dhaibh, imich thusa chun na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog a’ chiad iasg a thig a-nìos. Agus às dèidh dhut a bheul fhosgladh, gheibh thu bonn airgid. Gabh sin agus thoir dhaibh e air mo shon-sa agus air do shon fhèin.”

Bha seann chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd co-cheangailte ris an stòiridh sin. Gheibhear fiosrachadh air ann an Carmina Gadelica. Air Latha na Nollaige, bhiodh na fir òga ann an Uibhist ag iomradh a-mach bhon chladach seachd ceud buille ràmh ’s a seachd. Bhiodh iad a’ cur an dubhan sìos, mar a rinn Peadar anns a’ Bhìoball, agus iasg sam bith a gheibheadh iad, bhiodh iad a’ toirt sin gu daoine bochda. ’S e an t-ainm a bh’ air sin Dèirce Pheadair. Dèirce Pheadair.

Tillidh mi do na seachd ceud buille ràmh ’s a seachd ann am mionaid. Ach tha beul-aithris inntinneach co-cheangailte ri iasg a gheibhear ann an Alba agus an stòiridh mu Pheadar. Chuala mi fhìn an dearbh sgeul aig seann bhoireannach air a’ Chomraich nuair a bha mi òg. ’S e an t-iasg an adag. Bha àite ann far am bithinn fhìn a’ glacadh mòran èisg, air an robh “Clach na h-Adaig”. Ach bha sinn a’ glacadh iasg eile ann cuideachd – a’ chaoiteag.

Tha an dà iasg sin car coltach ri chèile ach gu bheil ceann nas fhaide air a’ chaoiteig agus gu bheil dà bhall dhubh air cliathaich na h-adaig. “Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig,” chanadh na seann daoine. Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig. Bhiodh na seann Ghàidheil a’ cantainn “iasg Pheadair” ris an adaig oir bhathar ag ràdh gur e corragan Pheadair a dh’fhàg an dà bhall dhubh air. Sin nuair a thog Peadar an t-iasg airson an t-airgead a thoirt a-mach às a’ bheul aige.

Ach carson a bha Dèirce Pheadair co-cheangailte ris an àireamh seachd ceud ’s a seachd? Dh’fhaodainn a bhith ceàrr ach chan aithne dhomh gu bheilear ag ainmeachadh na h-àireimh sin anns a’ Bhìoball. Ach tha i ri lorg ann am beul-aithris na h-Èireann.

Bha dà threubh ann a bha a’ sabaid an aghaidh a chèile – na Fomorianaich agus na Milesianaich. ’S iad na Milesianaich a bh’ air a bhith ann na b’ fhaide. Dh’fhàs iad uile sgìth dhen t-sabaid agus dh’aontaich iad gum biodh deuchainn air na Fomorianaich. Bhiodh iad ag iomradh seachd ceud buille ràmh ’s a seachd a-mach bhon chladach. Agus, bhiodh iad an uair sin a’ feuchainn ri faighinn air ais gu tìr.

Shoirbhich leotha. Rinn iad tuineachadh ann an ceann a deas na h-Èireann. Agus feumaidh gun deach an àireamh sin – seachd ceud ’s a seachd – a-steach gu cleachdaidhean Crìosdail nuair a thug Crìosdachd buaidh air na Gàidheil.

Litir 361 Litir 361 Litir 363 Litir 363

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!