Bha mi a’ coiseachd an là eile. Bha mi air seann rathad ann am Bàideanach. ’S e an Seanalair Wade a thog an rathad. Bha sin eadar seachd ceud deug, fichead
’s a h-ochd (1728) agus seachd ceud deug is trithead (1730). Tha am pìos sin dhen rathad a’ dol eadar Eadrais agus Ruadhainn. Tha na bailtean sin faisg air
Bail’ Ùr an t-Slèibh.
Eadar Eadrais agus Ruadhainn, tha baile-fearainn. ’S e Noid an t-ainm a th’ air. Bha Noid ainmeil anns an t-seann aimsir. Carson? Uill, bha bana-bhuidseach
a’ fuireach ann.
Bha i a’ cur eagal air muinntir an àite. Bha an crodh aig daoine a’ bàsachadh. Bha na taighean aca a’ dol na theine. Bha aon rud a’ cumail na
bana-bhuidsich toilichte. Airgead.
Thàinig fear às a’ Ghalltachd. Fhuair e taigh faisg air Ruadhainn. ’S e tuathanach a bh’ ann. Cha robh e a’ creidsinn ann am buidseachd. Bha e a’ magadh
air daoine a bha a’ creidsinn ann am buidseachd. Dhiùlt e airgead a thoirt don bhana-bhuidsich.
Feasgar a bha seo, bha an duine a-muigh. Bha e a’ coimhead air a’ chrodh aige. Chunnaic e maigheach. Bha a’ mhaigheach a’ dol timcheall nam bò. Bha i a’
deothail nan sineachan aig na bà. “Uill,” thuirt e ris fhèin, “chan fhaca mi a leithid a-riamh.”
Bha gunna aige. Fhuair e faisg air a’ mhaighich. Loisg e oirre. Cha do thachair dad. Ruith a’ mhaigheach pìos beag air falbh. Stad i. Shuidh i sìos.
Choimhead i air an tuathanach. Cha robh dragh sam bith oirre.
Thiormaich na bà. Cha d’ fhuair na daoine bainne sam bith. Bha an crodh a’ bàsachadh. Dh’iarr am fear Gallta air a’ bhuachaille aige dhol gu taigh na
bana-bhuidsich. Dh’iarr e air dà thunnaig a thoirt don bhana-bhuidsich. Thuirt e ris, “Thalla gu taigh na caillich. Thoir na tunnagan dhi. Can rithe gu
bheil mi an dòchas gun tachd iad i.”
Chaidh am buachaille gu taigh na caillich. “Can ri do mhaighstir,” thuirt a’ bhana-bhuidseach ris, “gun tachd mise esan mus bi a’ ghealach ùr againn.”
Oidhche a bha seo, bha an tuathanach a-muigh. Bha an dà chù aige còmhla ris. Bha seo faisg air Noid. Leum mial-chù mòr air. Dhìon na coin aige fhèin e. Bha
sabaid mhòr ann. Dh’fhalbh na trì coin. Bha iad fhathast a’ sabaid. Agus chan fhaca is cha chuala duine na coin no a’ bhana-bhuidseach às dèidh sin.