FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Where did the word Mod come from? Co às a thàinig am facal 'Mòd'?

Tha mi a’ coimhead air an fhacal mòd an t-seachdain

Audio is playing in pop-over.

Co às a thàinig am facal 'Mòd'?

Tha mi a’ coimhead air an fhacal mòd an t-seachdain seo. Dè tha mòd a’ ciallachadh? Uill, tha seo bhon fhaclair Ghàidhlig Brìgh nam Facal – mòd: 1. Fèis far am bi co-fharpaisean ann an ceòl, seinn, dràma etc, agus 2. (aosta) cùirt. Tha sin ceart, nach eil? Sin mar a tha am facal mòd an-diugh. Bidh sibh a’ smaoineachadh air a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta. An-uiridh, bha e ann an Steòrnabhagh.

Ach ma thèid sinn air ais ceud bliadhna, bha e eadar-dhealaichte. Tha seo ann am faclair Dwelly – mòd: 1. Court, court of justice, 2. Assembly, meeting, 3. Petty court, 4. Baron baillie court, 5. Court at which presides the agent of landed proprietors, to adjust differences among tenants, and to take cognizance of all abuses of any portion of his employees’ property. Agus sìos aig àireamh 6: Annual competition held in Gaelic literature and music etc, under the auspices of An Comunn Gàidhealach. Atharrachadh mòr ann an ceud bliadhna!

Thàinig am facal mòd bhon t-Seann Lochlannais. Bha mót a’ ciallachadh coinneamh no cùirt. Bha e a’ ciallachadh sin ann an Gàidhlig cuideachd. An uair sin, thagh an Comunn Gàidhealach “mòd” mar ainm airson na fèise ciùil aca. Agus ’s e Mòd a’ Chomuinn a’ phrìomh chiall air an fhacal an-diugh.

Seo seanfhacal anns a bheil “mòd”: Chan ann a h-uile là a bhios mòd aig Mac an Tòisich. Chan ann a h-uile là a bhios mòd aig Mac an Tòisich.

Tha mòd an seo a’ ciallachadh “court”. It is not every day that Mackintosh holds court. Chan ann a h-uile là a bhios mòd aig Mac an Tòisich.

Bha Mac an Tòisich seo na bhàillidh do Iarla Pheairt. Bha fearann aige ann an Srath Èireann. ’S e duine cruaidh a bh’ ann. Nuair a bha cùirt aige, bha e a’ feuchainn ri aon eucoireach a chrochadh gach là. Bha e ag iarraidh eagal a chur air eucoirich eile. Bha e ag iarraidh a bhith ainmeil. Agus tha e ainmeil oir tha e ann an seanfhacal! Is math nach robh mòd aige a h-uile là, ge-tà. Agus bha fios aig na h-eucoirich nach robh!

Sin am facal mòd, ma-thà. Mar a bha e, is mar a tha e. Tha mòdan nas fheàrr an-diugh na bha iad o shean. Bidh feadhainn a’ call ann am farpaisean. Ach cha bhi duine air a chrochadh!

An Litir Bheag 45 An Litir Bheag 45 An Litir Bheag 47 An Litir Bheag 47

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!