A bheil sibh eòlach air sgìre Gheàrrloch? Ann an sgìre sin tha dà bhaile le ainmean annasach. Tha “Mellon” anns na h-ainmean aca. Is iad sin Mellon Charles agus Mellon Udrigle. Dà bhaile air a’ chladach. Ach, carson a tha Mellon anns na h-ainmean aca? A bheil measan tropaigeach
a’ fas ann? Air cladach na Gàidhealtachd? Chan eil, gu dearbh. Tha i ro fhuar ann an Alba airson measan tropaigeach!
A bheil sibh eòlach air an fhacal meall? Tha e a’ ciallachadh “hill”. Ach dè tha meallan a’ ciallachadh? Uill, tha fios agaibh
gu bheil lochan a’ ciallachadh “loch beag”. Tha leabhran a’ ciallachadh “leabhar beag”. Agus tha meallan a’ ciallachadh “meall beag” –little hill. Thàinig an t-ainm Mellon Charles bhon Ghàidhlig Meallan Theàrlaich. Tha sin a’ ciallachadh “am Meall Beag aig Teàrlach” – Charles’s Little Hill. Meallan Theàrlaich.
Cò bh’ ann an Teàrlach? Bha e na leth-bhràthair do dh’uachdaran Gheàrrloch. Bha seo o chionn ùine mhòr. Fhuair Teàrlach fearann faisg air a’ chladach. Agus
thug e an t-ainm aige don àite – Meallan Theàrlaich.
Ach dè mu dheidhinn Mellon Udrigle? ’S e sin Meallan Udraigil ann an Gàidhlig. Tha Udraigil a’ tighinn bhon Lochlannais. Tha e a’
ciallachadh “clais”. Agus tha Meallan a’ ciallachadh “meall beag”, nach eil? The Little Hill of Udrigle no The Little Hill of the Cleft.
Uill, ’s dòcha. Ach ’s dòcha nach eil e cho sìmplidh sin. Air a’ mhap, tha cnoc ann air a bheil “Meallan Udrigill”. Agus tha baile ann cuideachd air a
bheil “Mellon Udrigle”. Ach chan eil an cnoc agus am baile anns an aon àite. Tha iad dà mhìle air falbh o chèile.
Tha mi eòlach air fear às an sgìre sin. Thuirt e seo rium: “Dh’innis bodach dhomh nach e Meallan a bh’ ann an ainm a’ bhaile, ach Mealbhan. Tha mealbhan a’ ciallachadh ‘sand dunes’.”
Chaidh mi gu faclair Dwelly. Agus tha am facal mealbhan anns an fhaclair. Tha e a’ ciallachadh “stretch of sand dunes with sea-bent growing on them.” Tha e a’ ciallachadh sin ann an Ros an Iar, co-dhiù. Agus sin mar a tha ann am Meallan
Udraigil. Tha am baile air a’ chladach. Tha dùin-ghainmhich ann. Agus tha muran a’ fàs air na dùin-ghainmhich. Mar sin, ’s dòcha gur e Mealbhan Udraigil an t-ainm ceart air a’ bhaile ann an Gàidhlig.