Tha leabhar ùr agam. ’S e leabhar math a th’ ann. ’S e an t-ainm a th’ air The Gaelic Otherworld. ’S e deasaiche an leabhair – ’s e sin am fear a
dheasaich e – Raghnall MacIlleDhuibh. Anns an leabhar ùr tha dà sheann leabhar a sgrìobh Iain MacGriogair Caimbeul. Is iad na leabhraichean sin Superstitions of the Highlands and Islands of Scotland agus Witchcraft and Second Sight in the Highlands and Islands of Scotland
.
Tha fiosrachadh gu leòr anns an leabhar. Seo dìreach criomag dheth. Bidh sibh eòlach air an dà-shealladh, no second sight. An dà-shealladh. Bha
sin cumanta am measg nan daoine air a’ Ghàidhealtachd. Ach bha e cuideachd cumanta am measg nam beathaichean. Bha cuid de bheathaichean a’ “faicinn” rudan
leis an dà-shealladh. Agus bha coin agus eich na b’ fheàrr na beathaichean eile.
Nuair a tha a’ ghealach làn, bidh coin gu tric a’ dèanamh donnal. ’S e sin an seòrsa fuaim a bhios madaidhean-allaidh a’ dèanamh. Donnal. Ann an Sasainn,
thathar ag ràdh gu bheil na coin a’ dèanamh donnal ris a’ ghealaich.
Ach bha na seann Ghàidheil ag ràdh gu robh na coin a’ dèanamh donnal a chionn ’s gu robh iad a’ faicinn taibhs. Taibhs de dhuine a bha fhathast beò. Bha
sin a’ ciallachadh gu robh an duine sin faisg air a bhàs.
Tha Iain MacGriogair Caimbeul ag innse dhuinn mu thachartas ann an Latharna. Bha galla ann – ’s e sin cù boireann. Cha robh earball aice. Bha i a’ dol gu
àite faisg air allt agus a’ dèanamh donnal. Rinn i sin gach là airson ceala-deug.
Là a bha seo bha boireannach agus pàiste a’ dol thar an uillt. Bha drochaid ann. Bha pasgan de leathar aig a’ bhoireannaich. Bha i a’ dol a chèilidh air
greusaiche. Bha an greusaiche a’ dol a dhèanamh brògan dhi leis an leathar.
Chaidh am boireannach a-null leis a’ phasgan. Dh’fhàg i am pasgan air an taobh thall. Thill i airson a’ phàiste. Ach nuair a bha i fhèin is am pàiste a’
dol tarsainn a-rithist, thàinig tuil. ’S e sin uisge mòr. Chaidh an drochaid a sgrios. Chaidh am boireannach is am pàiste a bhàthadh. Agus chaidh na cuirp
aca a lorg ri taobh an uillt. Bha iad anns an dearbh àite far an robh a’ ghalla a’ dèanamh donnal.