Halò a-rithist. Tha ceist agam dhuibh. Am bi sibh a’ bruidhinn ribh fhèin uair sam bith? Tha mi a’ creidsinn gum bi. Bidh mise co-dhiù! Ach am bi sibh a’
bruidhinn ribh fhèin ann an Gàidhlig uair sam bith? No dìreach ann am Beurla? No cànan eile?
Uill, bu chòir dhuibh a bhith a’ bruidhinn ribh fhèin ann an Gàidhlig. Aig amannan co-dhiù. Tha e math airson an cànan ionnsachadh. Feuchaibh rudan
sìmplidh. Canaibh ribh fhèin, “Ciamar a tha thu an-diugh, a charaid?” Agus rudan mar sin. Agus canaibh rudeigin mar fhreagairt. Mar eisimpleir, “Tha mi gu
math, tapadh leat” no “Chan eil mi ach meadhanach an-diugh.”
Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, an t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ bruidhinn mu Iain Dubh. Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain, no Iain MacIllInnein. Bha
Iain na bhàrd. Bha e a’ fuireach ann an Astràilia. Bha e na bhàrd don Chomunn Ghàidhealach ann am Brisbane.
Rugadh Iain ann an Geàrrloch. Bha e math air òrain a sgrìobhadh. Seo agaibh òran a sgrìobh e. ’S e an tiotal a th’ air A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn. A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn.
Bhiodh Iain a’ bruidhinn, no a’ labhairt, ris fhèin, ann an Gàidhlig. Agus bhiodh e a’ seinn dha fhèin ann an Gàidhlig cuideachd. Seo an t-sèist bhon òran:
Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghàidhlig
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,
Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.
Carson a sgrìobh Iain an t-òran? Carson a bhiodh e a’ seinn dha fhèin ann an Gàidhlig? Uill, seo freagairt. Seo dà loidhne bhon òran:
Nuair a labhras mi rium fhìn anns a’ Ghàidhlig laghach, ghrinn,
Bidh mi ann am bruadar anns na glinn…
Bhiodh e ann am bruadar. A bheil am facal sin agaibh – bruadar? Tha e a’ ciallachadh smuaintean anns a’ cheann aige fhèin. Smuaintean a bhios aig
duine nuair a tha e na chadal. Agus, anns a’ bhruadar aige, bhiodh Iain air ais anns na glinn. Bhiodh e air ais air a’ Ghàidhealtachd.
Nise, seo obair-dachaigh dhuibh. Anns an sgìre aig Iain, sgìre Gheàrrloch, tha dà bhaile ann le “Mellon” anns na h-ainmean aca. Mellon Charles
agus Mellon Udrigle. Dè tha “Mellon” a’ ciallachadh? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.