As t-fhoghar ochd ceud deug, leth-cheud ’s a h-aon (1851), sheòl am Margaret. Bha i a’ fàgail Cheap Bhreatainn. Bha i a’ dèanamh air Astràilia.
Air bòrd bha an t-Urramach Tormod MacLeòid agus a luchd-leantainn.
Stad iad greis ann an Cape Town ann an Afraga a Deas. Chuala iad naidheachd mu dheidhinn Astràilia. Bha òr ann. Bha na mìltean mòra a’ dol gu Melbourne,
faisg air na raointean òir. Cha robh Tormod a’ dol gu Melbourne, ge-tà. Bha esan a’ dol gu Adelaide. Bha a mhac, Dòmhnall, ann an Adelaide. Bha Tormod an
dòchas gu robh fearann aig Dòmhnall dhaibh.
Ràinig iad Adelaide anns a’ Ghiblean ochd ceud deug, leth-cheud ’s a dhà (1852). Ach bha droch naidheachd aca. Bha Dòmhnall ann am Melbourne. Bha e ag
obair do phàipear-naidheachd. Agus bha naidheachdan gu leòr ann am Melbourne.
Chaidh Tormod is a chompanaich gu Melbourne. Bha am baile a’ fàs gu luath. Bha dà mhìle duine ùr a’ dol ann gach seachdain. Bha iad bho air feadh an
t-saoghail. Nam measg bha Eòrpaich, Ameireaganaich is Sìonaich. Chaidh iad gu Melbourne an toiseach. An uair sin chaidh iad gu Ballarat is Bendigo, far an
robh an t-òr.
Bha Melbourne grànda is salach. Bha Tormod is a chompanaich a’ fuireach ann an teantaichean. Cha robh airgead aca. Agus bha a h-uile rud ann am Melbourne
uabhasach daor. Bha eadhon an t-uisge airson òl uabhasach daor. Reic iad am Margaret airson airgead fhaighinn.
Bha soitheach eile a’ dèanamh air Astràilia à Ceap Breatainn. B’ ise an Highland Lass. Bha na daoine innte à diofar sgìrean ann an Ceap Breatainn.
Bha an fheadhainn air a’ Mhargaret uile às an aon sgìre – Baile Anna. Ràinig an Highland Lass Adelaide san Dàmhair ochd ceud deug,
leth-cheud ’s a dhà (1852). Chuala na daoine air bòrd mu Mhelbourne. Agus dh’fhuirich iad ann an Adelaide.
Ann am Melbourne, bha muinntir a’ Mhargaret fhathast an dòchas fuireach còmhla mar choimhearsnachd. Ach cha robh mòran airgid aca. Chaidh
feadhainn dhiubh do na raointean òir ann am Ballarat is Bendigo. Chaidh Tormod gu tric air an rathad eadar Melbourne is na raointean òir. Chaidh e airson
cèilidh air na daoine ann am Ballarat is Bendigo. Ach bha na rathaidean sin cunnartach, mar a chì sinn anns an ath Litir.