Cho-dhùin Tormod MacLeòid gluasad gu Astràilia. Bha cuid anns a’ choimhearsnachd mì-chinnteach. Bha Astràilia fad air falbh bho Eilean Cheap Bhreatainn.
Ach ann an Astràilia bhiodh iad còmhla mar choimhearsnachd fhathast.
Thog iad long. Thog iad air a’ chladach i. Bha sin faisg air an eaglais aig Tormod. ’S e Margaret an t-ainm a bh’ air an t-soitheach.
Chuir na daoine crìoch air an obair. Bha iad ag iarraidh siùil. Ach cha robh airgead aca. Dh’fheuch Tormod ris an taigh aige a reic. Bha e a’ dol a
cheannach siùil leis an airgead bhon taigh. Ach airson bliadhna cha b’ urrainn dha an taigh a reic.
Bha na daoine ag ùrnaigh còmhla gu tric. Bha an t-airgead a’ dol a thighinn tro ùrnaigh, thuirt Tormod. As t-earrach thàinig fear leis an airgead.
Cheannaich e taigh Thormoid. Bha an t-airgead aca mu dheireadh thall. Cheannaich iad na siùil.
Bha Margaret, no Mairead, NicLeòid, nighean Thormoid, fichead ’s a dhà bliadhna a dh’aois. Ann an ochd ceud deug is leth-cheud (1850) thàinig long a-steach
a phort Bhaile Anna. Bha i a’ togail fiodh. Bha i à Obar Dheathain ann an Alba. Ach thàinig an reothadh tràth. Bha deigh air a’ mhuir. Cha d’ fhuair an
long a-mach a-rithist. Bha an caiptean is an criutha ann fad a’ gheamhraidh.
Bha fear òg à Obar Dheathain air bòrd. B’ esan Ùisdean MacAnndrais. Ghabh e fhèin is Mairead NicLeòid gaol air a chèile. Bha iad airson pòsadh. Ach bha iad
a’ smaoineachadh nach biodh Tormod toilichte.
Chaidh Ùisdean à fianais. Choimhead na daoine air a shon. Cha robh sgeul air. Bhris an deigh. Thill an soitheach a dh’Obar Dheathain. Nuair a bha iad air
ais ann an Alba, dh’innis an caiptean an droch naidheachd do phàrantan Ùisdein. Bha an gille marbh. Thuit e tron deigh.
Ach cha robh Ùisdean marbh idir. Bha e beò. Bha e am falach leis fhèin. Bha e am falach ann am bothan. Thug Mairead agus caraid no dha aice biadh dha anns
a’ bhothan. Cha robh fios aig càch mu dheidhinn.
Nuair a bha an soitheach Albannach aig muir, nochd Ùisdean a-rithist. Leig Tormod leis dhol a dh’Astràilia. Fhuair Ùisdean obair air bòrd an t-soithich, am Margaret. Agus, dà bhliadhna às dèidh sin, nuair a bha iad ann an New Zealand, phòs e Mairead.