Bha am foghar ann. Bha an t-Urramach Tormod MacLeòid a’ searmonachadh airson an turas mu dheireadh ann an Ceap Breatainn. Bha an coitheanal mòr a-muigh air
leathad oir bha an eaglais ro bheag dhaibh. Air an ochdamh là fichead dhen Dàmhair, ochd ceud deug, leth-cheud ’s a h-aon (1851), sheòl am Margaret air falbh. Bha i a’ dèanamh air Astràilia.
Anns na h-Eileanan Cape Verde, chaidh iad a-steach gu cala. Chuir na daoine litrichean air ais gu càirdean is caraidean ann an Ceap Breatainn, ag innse
dhaibh gu robh iad sàbhailte. Lean iad orra a dh’Afraga a Deas. Ann an Cape Town, ge-tà, chuala iad naidheachd a chuir iomagain air feadhainn aca. Bha
longan ann a sin a bha a’ dèanamh air Melbourne. Faisg air a’ bhaile sin, bha òr air a lorg agus bha mòran a’ dol ann, feuch fortan a dhèanamh.
Chan ann air Melbourne a bha Tormod agus a luchd-leantainn ag amas, ge-tà. Bha mac Thormoid, Dòmhnall, ann an Adelaide, agus bha dùil aca gu robh esan air
fearann a thaghadh dhaibh faisg air a’ bhaile sin. Ràinig iad Adelaide anns a’ Ghiblean ochd ceud deug, leth-cheud ’s a dhà (1852), ach bha droch
naidheachd ann dhaibh. Bha Dòmhnall air a dhol gu Melbourne.
Bidh cuimhne agaibh, ’s dòcha, gu robh Dòmhnall na dheasaiche air pàipear-naidheachd. Uill, bha tòrr naidheachdan a’ tighinn à Bhictoria aig an àm sin –
far an robh na mìltean mòra air a dhol ann, a’ coimhead airson òr. Bha Dòmhnall air a dhol ann còmhla riutha.
Dh’fhuirich cuid à buidheann Thormoid ann an Adelaide. Ach cha robh fearann ann far am b’ urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach còmhla. Mar sin, an ceann
grunn seachdainean, lean càch orra gu ruige Melbourne.
Anns a’ bhliadhna roimhe sin, bha Melbourne air a bhith na bhaile beag, le dìreach còig air fhichead mìle duine a’ fuireach ann. A-nise bha dà mhìle duine
às ùr a’ dol a dh’fhuireach ann gach seachdain. Bha iad bho air feadh an t-saoghail – Eòrpaich, Ameireaganaich is Sìonaich gu h-àraidh. Chaidh iad gu
Melbourne an toiseach, an uair sin gu àiteachan mar Ballarat, far an robh na raointean òir.
Bha Tormod is a chompanaich air an dì-mhisneachadh gu mòr. Fhuair iad àite-fuirich ann am baile theantaichean. Ach bha an t-airgead aca air a chaitheamh. Agus bha a h-uile rud ann am Melbourne uabhasach daor, eadhon an t-uisge airson òl. Cha robh aca
ach aon rud a b’ urrainn dhaibh reic airson airgead fhaighinn – am Margaret. Reic iad i.
Fhad ’s a bha seo a’ tachairt, bha soitheach eile a’ dèanamh air Astràilia à Ceap Breatainn. B’ ise an Highland Lass. Bha na daoine oirre à diofar
sgìrean ann an Ceap Breatainn agus bha eadhon feadhainn oirre à Eilean a’ Phrionnsa. Bha an fheadhainn air bòrd a’ Mhargaret uile, cha mhòr, à Baile Anna,
is bha iad mion-eòlach air a chèile.
Sheòl an Highland Lass anns a’ Chèitean ochd ceud deug, leth-cheud ’s a dhà (1852). Ràinig i Adelaide san Dàmhair. Fhuair na daoine a bh’ air bòrd
a-mach gu robh cùisean truagh ann am Melbourne, agus roghnaich iad fuireach ann an Adelaide airson greis.
Ann am Melbourne bha luchd-siubhail a’ Mhargaret fhathast an dòchas fuireach còmhla mar choimhearsnachd. Ach bha airgead a dhìth orra. Chaidh
feadhainn aca do na raointean òir ann am Ballarat is Bendigo. Mar sin, chaidh Tormod gu tric air an rathad eadar Melbourne agus na raointean òir airson
cèilidh orra. Ach bha na rathaidean sin cunnartach, mar a chì sinn anns an ath Litir.