FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Reverend Norman MacLeod (6) An t-Urramach Tormod MacLeòid (6)

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd

Audio is playing in pop-over.

An t-Urramach Tormod MacLeòid (6)

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848), bha cùisean duilich ann an Ceap Breatainn. Bha gort anns an amharc. Bha na daoine gann de bhiadh agus gann de shìol. Dh’iarr iad air an riaghaltas taic a thoirt dhaibh.

Seo pàirt de litir a bha anns a’ Chape Breton Spectator: “Chan eil sìol de sheòrsa sam bith aig barrachd na aon duine às gach còig ceud. Mura faighear grèim air sìol ... bidh ... gort mhòr ann san ath gheamhradh... Tha mòran ... a’ beachdachadh air falbh do na Stàitean [Aonaichte] ...”

Bha a’ chùis èiginneach. An do mhothaich sibh dè a’ bhliadhna a bh’ ann? Ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848). Bha gaiseadh a’ bhuntàta ann. Bha sin a’ dèanamh cron air a’ bhuntàta, mar a bha ann an Alba is Èirinn.

Bha feadhainn dòchasach, ge-tà. Bha gnìomhachas math aig fear, Iain Rothach. Bha e a’ reic fiodha bho na coilltean. Bha e a’ pàigheadh airgead math. Bha e deònach fiodh a cheannach bho na daoine. Bhiodh airgead aig na daoine an uair sin.

Ach chuir Tormod MacLeòid stad orra. Dh’iarr Tormod orra gun a bhith a’ dèiligeadh ri Iain Rothach. Carson? Uill, bha Tormod ag ràdh gu robh an Rothach ri cùl-mhùtaireachd. Sin smuggling. Cùl-mhùtaireachd. Bha e, a rèir Thormoid, a’ toirt branndaidh a-steach gu mì-laghail. ’S e peacadh a bha sin. Ged a bha acras air na daoine, dh’iarr Tormod orra gun a dhol faisg air bùth an Rothaich.

Mun àm sin, fhuair Tormod litir agus parsail à Astràilia. Bha iad bho a mhac, Dòmhnall. Bha Dòmhnall a’ fuireach ann an Astràilia. Bha e na dheasaiche air pàipear-naidheachd. Chuir e grunn lethbhreacan dhen phàipear anns a’ pharsail. Leugh Tormod iad. Leugh e mu thalamh math agus aimsir mhath. Leugh feadhainn eile na pàipearan-naidheachd cuideachd. Thòisich feadhainn air beachdachadh air a dhol a dh’Astràilia.

Ach bha Tormod seasgad ’s a h-ochd bliadhna a dh’aois. Bha a’ bhean, Màiri, còrr is seasgad. Cha robh ise a’ cumail gu math. An robh iadsan deiseil airson falbh gu dùthaich eile? Chì sinn de rinn iad an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 31 An Litir Bheag 31 An Litir Bheag 33 An Litir Bheag 33

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!