FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Urramach Tormod MacLeòid (6)

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd

Audio is playing in pop-over.

An t-Urramach Tormod MacLeòid (6)

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848), chuir feadhainn ann am Baile Anna ann an Ceap Breatainn, agus an sgìre mun cuairt air, athchuinge gu Sir John Harvey, Iar-riaghladair Alba Nuaidh. Bha iad ag iarraidh taic bhon riaghaltas. Cha robh cùisean a’ dol gu math dhaibh. Bha iad gann de bhiadh agus gann de shìol. Dh’iarr iad air an iar-riaghladair min-arbhair-Innseanaich a chur thuca, agus sìol coirce.

Seo pàirt de litir a chaidh a sgrìobhadh anns a’ Chape Breton Spectator: “Chan eil sìol de sheòrsa sam bith aig barrachd na aon duine às gach còig ceud. Mura faighear grèim air sìol, ann an dòigh air choreigin, bidh e cinnteach gum bi gort mhòr ann san ath gheamhradh. Chan e a-mhàin gun deach an sìol a chleachdadh airson daoine a chumail beò ach gun deach an crodh is na laoigh a spadadh air an dearbh adhbhar.

“Tha mòran a-nise às aonais an dà chuid, crodh is caoraich, agus às aonais sìol no biadh; mar sin tha e cinnteach, mura tèid rudeigin a dhèanamh gu luath, gum faigh feadhainn bàs le cion a’ bhìdh… Carson nach toirear airgead bho na daoine a th’ air tuarastal mòr is a chuireas aodach purpaidh spaideil orra is a ghabhas biadh mòr, agus iad beò air saothair nan daoine bochda…? Tha mòran aig a bheil bathar a’ beachdachadh air a bhith a’ falbh chun nan Stàitean [Aonaichte] as t-fhoghar gus nach caill iad na th’ aca don fheadhainn acrach.”

Tuigidh sibh gu robh a’ chùis èiginneach. Chan e sin a-mhàin ach an do mhothaich sibh dè a’ bhliadhna a bh’ ann? Ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848). Sgrìobh Tormod MacLeòid do charaid gu robh gaiseadh a’ bhuntàta ann agus gu robh sin a’ toirt droch bhuaidh air daoine thall ’s a-bhos. Chunnaic e, mar a bhiodh dùil, làmh an Tighearna anns a’ ghnothach.

Bha beagan dòchais ann do chuid, ge-tà, an cois obair Iain Rothaich. Bha esan a’ reic fiodha bho na coilltean. Bha an luchd-obrach aige a’ faighinn tuarastal math. Tha e coltach gu robh e deònach fiodh a cheannach bho dhaoine. Bha sin air airgead a chur nam pòcaidean. Ach chuir Tormod MacLeòid stad air sin. Dh’iarr Tormod air muinntir an àite sgur a bhith a’ dèiligeadh ri Iain Rothach. Carson? Uill, bha Tormod dhen bheachd gu robh an Rothach air a bhith ri cùl-mhùtaireachd. Bha e, a rèir Thormoid, a’ toirt branndaidh a-steach gu mì-laghail. ’S e peacadh a bha sin agus, eadhon ged a bha an sluagh acrach, dh’iarr Tormod orra gun a dhol faisg air bùth an Rothaich.

Mun àm sin, nuair a bha a’ ghort aig a h-àird fhuair Tormod litir agus parsail à Astràilia. ’S ann bho mhac, Dòmhnall, a bha iad. Bha Dòmhnall air a dhol a dh’fhuireach ann an Astràilia, far an robh e na dheasaiche air pàipear-naidheachd. Chuir e grunn lethbhreacan dhen phàipear an cois a’ pharsail. Leugh Tormod iad, agus thog iad aire. Bha an talamh math is bha an aimsir math. Thòisich mòran dhen daoine òga ann an Ceap Breatainn air beachdachadh air a dhol a dh’Astràilia.

Ach bha Tormod seasgad ’s a h-ochd bliadhna a dh’aois. Bha a’ bhean, Màiri, nach robh a’ cumail gu math, còrr is seasgad. Aig aois mar sin, an robh iadsan dha-rìribh deiseil gus falbh thar a’ chuain aon turas eile? Chì sinn de rinn iad an ath-sheachdain.

Litir 335 Litir 335 Litir 337 Litir 337

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!