Seo stòiridh mu Thormod MacLeòid, an t-Urramach Tormod MacLeòid. Bha Tormod a’ fuireach ann am Baile Anna ann an Eilean Cheap Bhreatainn. Bha e ainmeil.
Bha na daoine a’ toirt spèis dha. Bha e cumhachdach. Ach rinn e mearachd.
Bha fear a bha seo anns an sgìre sin a’ coiseachd air an rathad. Thachair e ri ceannaiche. Bha an ceannaiche a’ reic rudan. Cheannaich am fear rudan bhon
cheannaiche. Ach cha robh airgead aige. Bha an t-airgead anns an taigh. Bha e ann an sporan. Agus bha an sporan ann an ciste.
Chaidh an dithis don taigh. Thug an duine an sporan a-mach. Thug e an t-airgead don cheannaiche. Chuir e an sporan air ais. Dh’fhalbh an dithis.
Às dèidh greis air an rathad, dh’fhalbh an ceannaiche. Chaidh am fear eile a dh’obair. Thill e dhachaigh feasgar. Cha robh sgeul air an sporan. Cha robh an
sporan anns a’ chiste. Bha cuideigin air a ghoid.
Bha na fir a’ smaoineachadh gur e balach òg a ghoid an sporan. Bha am balach sin a’ fuireach an ath dhoras. Thuirt am balach uair is uair nach do ghoid e
an sporan.
Mu dheireadh, thuirt na fir gu robh am balach a’ dol a chadal anns a’ chladh. Bha iad a’ dol ga ghlasadh anns a’ chladh airson na h-oidhche. Bha an t-eagal
mòr air a’ bhalach. Agus thuirt e gun do ghoid e an sporan.
Rinn Tormod MacLeòid co-dhùnadh. ’S e co-dhùnadh cruaidh a bh’ ann. Gheàrr na daoine pàirt de chluas a’ bhalaich dheth. Rinn iad sin sa spot. Bha mòran
anns a’ choimhearsnachd mì-thoilichte mu dheidhinn.
Seachdain às dèidh sin thuirt cuideigin gum fac’ e an ceannaiche air an là a chaidh an sporan a ghoid. Bha an ceannaiche a’ dol tro uinneag an taighe.
Thuirt an ceannaiche gun do thill e don taigh. Thuirt e gun do ghoid esan an sporan.
Bha fear-lagha ann an Suidni deònach Tormod a thoirt gu lagh. Ach dhiùlt athair a’ bhalaich sin a dhèanamh.