FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain

Anns na beagan seachdainean a dh’fhalbh tha mi air a

Audio is playing in pop-over.

Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain

Anns na beagan seachdainean a dh’fhalbh tha mi air a bhith ag innse dhuibh mun sgrìobhadair, Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain, no Iain MacIllInnein. Bha Iain a’ fuireach ann an Astràilia. Bha e na bhàrd don Chomunn Ghàidhealach ann am Brisbane. Rugadh e ann an Geàrrloch agus ’s e Gàidhlig a bh’ aige mar chiad chànan. Agus bha e a-riamh gu math measail air a’ chànan aige.

Ged a bha Iain math air sgrìobhadh, cha robh e na sgoilear. Nuair a bhiodh rudeigin cudromach a dhìth air Comunn Gàidhealach Bhrisbane ann an Gàidhlig, dh’fheumadh iad dhol gu sgoilear. B’ e fear dhiubh sin, am ministear ann an Liosmòr ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuaidh a Deas, an t-Urramach Ailean MacIlp, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath.

Ach, ged nach robh Iain na sgoilear, bha e fìor mhath air duanagan is òrain bheaga a sgrìobhadh. Bu toigh leam crìoch a chur air na Litrichean mu dheidhinn le dàn eile aige. Agus saoilidh mi gu bheil am pìos seo gu math iomchaidh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn”.

Nise, tha mi air a bhith ag ràdh ri luchd-ionnsachaidh airson bliadhnaichean gum bu chòir dhaibh Gàidhlig a labhairt riutha fhèin cho tric ’s as urrainn. A’ gabhail fras, anns a’ chàr, a’ coiseachd a’ mhonaidh, air beulaibh sgàthan…. àite sam bith sa bheil cothrom aca.

Agus chan e labhairt a-mhàin. Dh’fhaodadh iad seinn. Tha e math do dhuine sam bith òrain ionnsachadh, eadhon mura h-eil iad math air seinn. Seo a-nise sèist an òrain seo:

Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghàidhlig

Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,

Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,

Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.

Carson a sgrìobh Iain an t-òran seo? Uill, bha e a’ fuireach ann an àite far nach robh Gàidhlig aig mòran. Agus chum an cànan ceangal na inntinn don dùthaich dham buineadh e. Seo a’ chiad rann dhen òran:

Nuair a labhras mi rium fhìn anns a’ Ghàidhlig laghach, ghrinn,

Bidh mi ann am bruadar anns na glinn,

Chì mi Ruairidh Mòr MacLeòid is a nighean ghasta, chòir,

Seinn sa chànan sheòghn gu ceòlmhor binn.

Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghàidhlig

Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,

Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,

Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.

Agus seo agaibh dà rann eile:

Ged a chaidh mi fad’ thar chuan, cha do thilg mi Ghàidhlig uam,

’S tric a thog i m’ aigne suas air muir is tìr,

Dlùth ri glùn mo mhàthar chaomh, nam leanaban tùsail maoth,

’S i Ghàidhlig mhodhail chiùin a dh’ionnsaich mi.

Tha i nise mòran aois, ’s i bh’ aig Adhamh measg nan craobh,

Fhuair i urram àrd an iomadh tìr,

A’ tighinn tarsainn na Roinn-Eòrp’, chùm na Gàidheil ise beò,

’S i bh’ aig Calum còir an Eilean I.

Uill, sin e a thaobh bàrdachd Iain Duibh. Ach tha ceist agam dhuibh mun sgìre anns an do thogadh Iain – Geàrrloch. Dh’fhaighnich fear dhìom turas (bha e a’ bruidhinn ann am Beurla), an robh mi eòlach air sgìre Gheàrrloch. Thuirt mi gu robh, rud beag co-dhiù. Uill, dh’fhaighnich e, “ciamar a tha measan tropaigeach a’ fàs ann?”

“Measan tropaigeach?” thuirt mi.

“Seadh,” fhreagair e, “tha tri melons ann.”

“Trì melons?!” thuirt mise.

“Gu dearbh,” thuirt am fear eile, “Mellon Charles, Mellon Udrigle agus Mellangaun.”

Uill, ’s e a’ cheist a th’ agam dhuibhse – carson a tha na “melons” seo air a’ mhap? Dè tha iad a’ ciallachadh? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.

Litir 306 Litir 306 Litir 308 Litir 308

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!