Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun òran Mo Rùn Geal Òg. Carson? Uill, tha an t-òran sin ann an leabhar ùr. ’S e an t-ainm a th’ air
an leabhar Òrain nan Rosach: a Collection of Gaelic Songs from Ross-shire. ’S e leabhar air leth math a th’ ann.’S i Fiona NicCoinnich a chuir ri
chèile e. Tha Fiona a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain. Tha Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois.
Seo òran eile a th’ anns an leabhar sin – Òran a’ Choilich. Chan eil e cho brònach ri Mo Rùn Geal Òg. Chan eil idir. Tha e mu dheidhinn tachartas
ann am baile beag. ’S e An Àird Dhubh an t-ainm air a’ bhaile. Tha e air cladach na Comraich. Bha cuid de na sinnsearan agam fhìn às a’ bhaile sin.
Seo agaibh an t-sèist:
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’
Cha robh creutair anns a’ bhaile
Nighean òg no bean no cailleach
Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal
Nach robh mach nan aodach oidhch’.
A bheil sibh a’ tuigsinn dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile? Bha an coileach glas a’ dèanamh fuaim mòr air an oidhche. Fad na h-oidhche, gu dearbh.
Cha robh muinntir a’ bhaile a’ faighinn cadal ceart. Bha iad a-muigh nan aodach oidhche. Seo an t-sèist a-rithist:
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’
Cha robh creutair anns a’ bhaile
Nighean òg no bean no cailleach
Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal
Nach robh mach nan aodach oidhch’.
A bheil sibh fhèin a’ fuireach ann an àite far a bheil coilich a’ dèanamh fuaim? No a bheil càraichean a’ cur stad oirbh bho bhith a’ faighinn cadal? No a
bheil sibh a’ faighinn cadal math gach oidhche?
’S e Donnchadh MacCoinnich a sgrìobh Òran a’ Choilich. Bha Donnchadh na bhàrd-baile. Bhuineadh e don Chomraich. Chuala e an sgeulachd mun choileach aig
cuideigin às an Àird Dhuibh. Agus sgrìobh e an t-òran an uair sin. Tha an t-òran gu lèir anns an leabhar aig Fiona NicCoinnich.