Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun òran ainmeil Mo Rùn Geal Òg. Carson a bha sin, nise? Uill, bha adhbhar agam. Nochd an t-òran sin
ann an leabhar ùr a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Òrain nan Rosach: a Collection of Gaelic Songs from Ross-shire. ’S e leabhar air leth math a th’ ann.’S i Fiona NicCoinnich a chuir ri chèile e.
Tha Fiona a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois.
Chan eil a h-uile òran anns an leabhar buileach cho trom brònach ’s a tha Mo Rùn Geal Òg. Mar eisimpleir, tha fear ann aig a bheil dà thiotal – Òran a’ Choilich, no Gog Gog! Tha seo mu dheidhinn tachartas ann am baile beag air a bheil An Àird Dhubh. Tha an Àird Dhubh air cladach na
Comraich. Bha cuid de na sinnsirean agam fhìn às an Àird Dhuibh agus, mar sin, tha mi toilichte gu bheil an t-òran anns an leabhar. Is iongantach mura robh
càirdean agam fhìn am measg an fheadhainn a dh’fhulaing air sailleamh a’ choilich ghlais. Seo agaibh an t-sèist:
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’
Cha robh creutair anns a’ bhaile
Nighean òg no bean no cailleach
Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal
Nach robh mach nan aodach oidhch’.
A bheil sibh a’ tuigsinn dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile? Am fuaim a bha an coileach a’ dèanamh air an oidhche. Seo an t-sèist a-rithist:
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir
Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’
Cha robh creutair anns a’ bhaile
Nighean òg no bean no cailleach
Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal
Nach robh mach nan aodach oidhch’.
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinn uile air a bhith eòlach air a leithid de choileach – a bhios a’ gairm air an oidhche no tràth tràth sa mhadainn –
co-dhiù ma tha sinn air a bhith a’ fuireach a-muigh air an dùthaich.
Bha Donnchadh MacCoinnich na bhàrd-baile. Bha e na sheinneadair math cuideachd. Chuala Donnchadh bho chuideigin às an Àird Dhuibh mu choileach a bha a’
cumail daoine suas fad na h-oidhche leis an fhuaim a bha e a’ dèanamh. Agus sgrìobh e an t-òran. Seo a’ chiad rann dheth:
Mo mhallachd aig a’ choileach
Chuir an sluagh nam boil a-raoir
Shìn an caithream cruaidh ’s an sgreadail
Nuair a thàinig meadhan-oidhch’.
Theann mi fhèin a-null ri Peigi
’S mi air chrith le seòrsa eagail
Ach nuair thòisich e air feadail
Chuir e ’n cuthach air a’ chloinn.
Chan eil “Peigi”, a nochdas san òran, beò a-nise, ach tha guth fear dhen chloinn air an do chuir an coileach an cuthach, aithnichte do luchd-èisteachd
Radio nan Gàidheal. Bidh fios aig an fheadhainn aig a bheil fios!
Tha an t-ùghdar a’ faighinn comhairle san òran bho “nighean Iain mholaich”. Tha i ag ràdh, “Falbh ’s cuir às dha eun na mallachd”. An do ghabhadh a
comhairle? Chan eil fhios agam, ach tha amharas agam nach robh saoghal a’ choilich ghlais buileach cho fada ’s a bhitheadh e nan robh an t-eun sin air a
bhith sàmhach sìtheil air an oidhche!