An toigh leibh an t-òran Mo Rùn Geal Òg? A bheil sibh eòlach air an òran sin? Bha e air a sgrìobhadh ri linn nan Seumasach. Tha e a’ tòiseachadh,
“Och, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt, ’s e do chùis [a] rinn mo lèireadh…” ’S e Teàrlach Òg Stiùbhart a’ Ghàidhlig air Bonnie Prince Charlie.
Teàrlach Òg Stiùbhart.
’S e boireannach a sgrìobh an t-òran. ’S e an t-ainm a bh’ oirre Cairistìona NicFhearghais. ’S e òran-gaoil a th’ anns an òran. Tha e cuideachd a’ cur an
aghaidh cogadh. Bha Cairistìona brònach oir chaill i an duine aice aig Blàr Chùil Lodair. ’S e an t-ainm a bh’ air an duine aice Uilleam Siosalach. Bha
gaol mòr aig Cairistìona air Uilleam. Sgrìobh i, “bha do shlios mar an eala, ’s blas na meal’ air do phògan.” Bha do shlios mar an eala, ’s blas na meal’
air do phògan.” Tha i a’ moladh Uilleim gu mòr.
Ach bha Cairistìona feargach cuideachd. Bha faclan cruaidh aice do Theàrlach Òg. Seo na ciad cheithir loidhnichean dhen òran:
Och a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,
’S e do chùis rinn mo lèireadh,
Thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam
Ann an cogadh nad adhbhar;
Seo e a-rithist:
Och a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,
’S e do chùis rinn mo lèireadh,
Thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam
Ann an cogadh nad adhbhar;
Bhuineadh Cairistìona do Chunndainn ann an Siorrachd Rois. Bha a h-athair na ghobha. A rèir aithris, bha Uilleam Siosalach à Srath Ghlais – dùthaich nan
Siosalach. Bha e a’ cumail bratach nan Siosalach aig Blàr Chùil Lodair. Bha e calma. Lean e air a’ sabaid, nuair a bha cuid de na saighdearan Seumasach a’
teicheadh lem beatha.
Tha a bhanntrach ag ràdh anns an òran, “Cha do sheas an Cùil Lodair fear do choltais [a] bu trèine, mo rùn geal òg.”
Bha Uilleam treun, ach chaill e a bheatha. Mharbh na saighdearan dearga e. Chuir iad seachd peilearan ann.
’S e gnothach uabhasach a bh’ ann, gun teagamh. Cha tàinig mòran math às. Ach thàinig òran math às. Mo Rùn Geal Òg.