FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Whatever you see or hear, keep the cat close Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt

Seo seanfhacal a tha fìor annasach: Dè sam bith a

Audio is playing in pop-over.

Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt

Seo seanfhacal a tha fìor annasach: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Seo a’ Bheurla air a shon. Whatever you see or hear, keep the cat turning. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.

Dè tha e a’ ciallachadh? Cuin a tha duine a’ tionndadh cat? Uill, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh, agus chan eil e snog. Anns na seann làithean bha cleachdadh pàganach ann. Bha daoine airson an Donas fhaicinn. Bha an Donas a’ leigeil leotha rudan mì-laghail a dhèanamh. No bha e a’ freagairt ceist.

Canaidh sinn taghairm ris a’ chleachdadh. Tha e ann am faclair Dwelly, air a mhìneachadh ann am Beurla. Bha na daoine a’ ròstadh chat. Bha iad a’ ròstadh nan cat air bior-ròstaidh. Bha am bior os cionn teine. Bha fear a’ tionndadh a’ bhiora. Ach seo an rud a bha fìor dhona – cha robh na cait marbh nuair a chaidh iad air a’ bhior-ròstaidh. Bha iad beò.

Bha cait dhubha a’ tighinn ann. Bha iad uile a’ sgreuchail. Bha iad a’ dèanamh fuaim uabhasach. Bha an Donas ann cuideachd, ann an cruth cat dubh. Bha na cait dhubha a’ feuchainn ri stad a chur air na daoine. Bha fear de na daoine ag èigheachd air an fhear a bha a’ tionndadh a’ bhior-ròstaidh, “Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.”

Rinn Màrtainn Mac Ille Mhàrtainn aithris air a’ ghnothach seo. Bha sin anns an leabhar aige A Description of the Western Islands of Scotland. Nochd an leabhar sin ann an seachd ceud deug ’s a trì (1703). Sgrìobh Mac Ille Mhàrtainn gu robh fear de na cait gu math mòr. Bha na cait eile beag. Bha am fear mòr a’ freagairt na ceist a bh’ aig na daoine. B’ esan an Donas.

Cuin’ a tha daoine a’ cleachdadh an t-seanfhacail? Tha nuair a tha iad ag ràdh ri duine eile, “Cum a’ dol leis an obair agad. Ge bith de thachras, dèan thusa an obair agad!” Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.

An Litir Bheag 15 An Litir Bheag 15 An Litir Bheag 17 An Litir Bheag 17

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!