FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Broom Brush An Sguabag Bhealaidh

A bheil sibh eòlach air cròladh no curling? Bha mi

Audio is playing in pop-over.

An Sguabag Bhealaidh

A bheil sibh eòlach air cròladh no curling? Bha mi anns an leabharlann an latha eile. Lorg mi seann leabhar. Anns an leabhar bha òran Gàidhlig mu chròladh. Tha briathrachas anns an òran. Tha sin luachmhor, oir chan eil sinn cinnteach de chanas sinn ma tha sinn a’ cluich cròladh ann an Gàidhlig an-diugh.

’S e tiotal an òrain An Sguabag Bhealaidhthe broom brush. Bidh feadhainn a’ sguabadh na deighe air thoiseach air a’ chloich. Tha sin a’ leaghadh na deighe. Bidh a’ chlach a’ dol nas fhaide. Mar sin, tha sguabadh cudromach. Agus air latha fuar geamhraidh a-muigh, bidh sguabadh gad chumail blàth! Bha daoine a’ cleachdadh bealaidh airson sguabagan a dhèanamh.

’S e am fear a sgrìobh an t-òran Pòl Camshron à Blàr Athall. Tha a’ chiad rann a’ dol mar seo: Ged thig oirnne reoth’ ’s gailleann/ Chuireas gròigeanaich don teallach/ Thèid na cròlaich mach le faram/ Chun a’ chath bu dual dhaibh.

’S e cròlach cluicheadair cròlaidh. Bha an Camshronach dhen bheachd gur e gaisgich a bha anns na cròlaich. Thèid na cròlaich mach le faram, sgrìobh e. Aig an aon àm tha daoine nach eil cho treun – na gròigeanaich – a’ dol chun an teine no an teallaich airson cumail blàth.

Anns a’ cheathramh rann a tha sinn a’ faighinn tuilleadh dhen bhriathrachas: “Sìos am bacan,” cluinn an sgiobair/ “Seòl dhomh clach ri taobh na bioraid”/ Siud air falbh, an èiteag bhinneach/ ’S i air chrith na gluasad.

Tha mi a’ smaoineachadh gur e am bacan an hack. ’S e sin rud a tha ceangailte ris an deigh. Cuiridh cròlach a chas air a’ bhacan mus tilg e clach. Tha seòl dhomh clach ri taobh na bioraid a’ ciallachadh “aim for me a stone beside the stick”. Bha bioraid no bioran air a stobadh anns an deigh. Bha sin airson sealltainn do na cròlaich càite an robh an tee. Bidh a’ chlach as fhaisge air an tee a’ buannachachadh a’ ghèam. Agus an èiteag bhinneach? Mìnichidh mi sin an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 144 An Litir Bheag 144 An Litir Bheag 146 An Litir Bheag 146

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!