FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Sguabag Bhealaidh

Tha mi air bruidhinn mu thràth anns an Litir mun

Audio is playing in pop-over.

An Sguabag Bhealaidh

Tha mi air bruidhinn mu thràth anns an Litir mun spòrs gheamraidh – cròladh no curling, mar eisimpleir ann an Litrichean ceud, ceathrad ’s a trì (143) agus dà cheud, ceathrad ’s a còig (245). Bha e car duilich dhomh, ge-tà, nach robh mi air mòran a lorg ann an sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn na spòrs sin.

Bha mi anns an leabharlann an latha eile agus lorg mi leabhar, a chaidh fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug, anns an robh òran Gàidhlig mu dheidhinn cròladh. ’S mi a bha toilichte! Tha briathrachas anns an òran a tha luachmhor, gu h-àraidh ma tha sinn gu bhith a’ dèanamh ceangal às ùr eadar an spòrs agus an cànan.

’S e tiotal an òrain An Sguabag Bhealaidh the broom brush. Mura h-eil sibh eòlach air cròladh, bithear a’ tilgeil chlachan mòra troma air deigh. Bidh feadhainn a’ sguabadh na deighe air thoiseach air a’ chloich. Tha sin a’ leaghadh na deighe agus bidh a’ chlach a’ dol nas fhaide. Mar sin, tha an sguabadh gu math cudromach mar phàirt dhen ghèam. Agus air latha fuar geamhraidh, gu h-àraidh a-muigh air loch reòite, ’s e sguabadh dòigh mhath airson a bhith a’ cumail blàth! Bhathar a’ cleachdadh bealaidh airson an sguabag a dhèanamh, ged a bha seileach air a chleachdadh bho àm gu àm cuideachd.

’S e am fear a sgrìobh an t-òran Pòl Camshron à Blàr Athall no, mar a chanadh iad san àm ud, Blàr an Athall. Rugadh Pòl ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1841). Bha Diùcan Athall am measg nan uaislean a bhrosnaich cròladh. Agus bha na daoine cumanta anns an sgìre sin fhathast gu math Gàidhealach anns an naoidheamh linn deug.

Tha a’ chiad rann a’ dol mar seo: Ged thig oirnne reoth’ ’s gailleann/Chuireas gròigeanaich don teallach/Thèid na cròlaich mach le farum/Chun a’ chath bu dual dhaibh.

’S e cròlach cluicheadair cròlaidh. Sin rud ùr dhomh. Chan fhaca mi am facal sin ann am faclair sam bith. Bha an Camshronach dhen bheachd gur e gaisgich a bh’ anns na cròlaich. Thèid na cròlaich mach le faram, sgrìobh e, nuair a tha daoine nach eil cho treun – na gròigeanaich – air an tàladh le teas an teine no an teallaich.

Seo an dàrna rann: Gur e an cròladh gaol nam bairean/Bheireas càil ’s ceòl is carthan/Slàinte crè is spioraid aigne/Nach bi lag no truaillte.

Tha an t-ùghdar gun teagamh a’ moladh a’ ghèam! Agus tha e a’ leantainn le sin anns an ath rann: Thig an t-aoghair, thig am baran/Thig an t-aosta, thig an gallan/Dh’ionnsaigh èire ghlas na carraid/’Thogas tlachd mun cuairt dhith.

’S ann anns a’ cheathramh rann a tha sinn a’ faighinn tuilleadh dhen bhriathrachas co-cheangailte ri cròladh:

“Sìos am bacan,” cluinn an sgiobair/ “Seòl dhomh clach ri taobh na bioraid.”/ Siud air falbh, an èiteag bhinneach/ ’S i air chrith na gluasad.

Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil bacan a’ ciallachadh hack – an rud a tha ceangailte ris an deigh air an cur cròlach a chas mus tilg e clach. Tha seòl dhomh clach ri taobh na bioraid a’ ciallachadh “aim a stone beside the stick” – bioraid no bioran a bh’ air a stobadh anns an deigh airson sealltainn do na cròlaich cà’ robh an tee. ’S i a’ chloich as fhaisge air an tee a bhuannaicheas an gèam. Gu mì-fhortanach cha do lorg mi a’ Ghàidhlig air tee fhathast.

Agus an èiteag bhinneach ? Mìnichidh mi sin an ath-sheachdain.

Litir 448 Litir 448 Litir 450 Litir 450

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!