FaclairDictionary EnglishGàidhlig

White Stone Curling Èiteag

An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air An Sguabag

Audio is playing in pop-over.

Èiteag

An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air An Sguabag Bhealaidh – òran Gàidhlig à Blàr Athall. ’S e Pòl Camshron a sgrìobh e. Tha e mu chròladh, no curling. Chuir sinn crìoch air le Siud air falbh, an èiteag bhinneach/ ’S i air chrith na gluasad.

Tha èiteag a’ ciallachadh clach gheal. Tha mi a’ smaoineachadh gur e an “èiteag bhinneach” the apex stone – an tè as fhaisge air a’ chròlach. Tha i a’ dìon nan clachan eile.

Tha an t-siathamh rann a’ dol mar seo: Eadar “togail” agus “dìonadh”/ “Sgram an geàrd” no “sgailc a cliathaich”/ Chan eil sean no òg nach miannaich/ Bhith fo riar do bhuaireis.

Tha sin a’ toirt dhuinn briathrachas a bharrachd. Tha sgram an geàrd a’ ciallachadh “take out the guard stone”. Tha sgailc a cliathaich a’ ciallachadh “give her side a sharp blow”.

Anns an rainn mu dheireadh, tha sinn a’ cluinntinn mu mar a bhiodh na cròlaich a’ gabhail tlachd aig deireadh an latha: ’S lìonar cuach de dh’fhuarag Athall/ Nithear òl do Bhròd Dhùn Chailleann/ Buaidh ’s cliù don Diùc tha againn/ Sàr chùl-taic na sguabaig.

’S e “fuarag Athall” Atholl Brose. Airson a dhèanamh, bidh daoine a’ cur mel, uisge-beatha, min-choirce agus uisge còmhla. Tha an t-òran ag ràdh Nithear òl do Bhròd Dhùn Chailleann – “a toast is made for the Dunkeld crowd”. Bha farpaisean cròlaidh eadar muinntir Bhlàr Athall agus muinntir Dhùn Chailleann.

Agus tha sèist ann. Seo i: ’S i mo luaidh an sguabag bhealaidh/ Chuireas snuadh an gruaidh nam fearaibh/ ’S i mo luaidh an sguabag bhealaidh/ ’S alag mhear nan cuairteag. The broom brush is my love, it puts colour in the mens’ cheeks, the broom brush is my love, as is the joyful task of the curling circles.

O chionn ghoirid, lorg mi seann dealbh de chròlaich air a’ Ghàidhealtachd. Bha sin anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug. ’S e fear Alasdair Urchardan à Baile nan Granndach a rinn an dealbh. Bha iad a’ cleachdadh bhotal airson na tees a chomharrachadh. Tha botail anns an dealbh. Bha na botail air an dèanamh de fhiodh. Agus bha na daoine a rinn iad a’ dòrtadh luaidh annta gus am biodh iad trom gu leòr. ’S e deagh dhealbh a tha ann.

An Litir Bheag 145 An Litir Bheag 145 An Litir Bheag 147 An Litir Bheag 147

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!