FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mo Rùn Geal Òg

Dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr leibh? Am measg an

Audio is playing in pop-over.

Mo Rùn Geal Òg

Dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr leibh? Am measg an fheadhainn as fheàrr leam fhìn, tha am fear ainmeil a bhuineas do linn nan Seumasach, Mo Rùn Geal Òg. Sin am fear a tha a’ tòiseachadh, “Och, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt, ’s e do chùis [a] rinn mo lèireadh…”

Saoilidh mi gu bheil an t-òran seo cho cumhachdach ri gin a chaidh a sgrìobhadh a-riamh a chuireas an aghaidh cogadh. ’S e òran-gaoil a th’ ann, oir tha am boireannach a sgrìobh e a’ moladh bòidhchead a cèile – agus mar a bhios i ga ionndrainn gu mòr oir tha e a-nise marbh. Tha i ag ràdh, “Bu tu ’m fear mòr bu mhath cumadh, od mhullach gud bhrògan, bha do shlios mar an eala, ’s blas na meal’ air do phògan.”

Ach ciamar a chuireas an t-òran an aghaidh cogadh? Uill, seo a’ chiad rann agus chì sibh:

Och a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,

’S e do chùis rinn mo lèireadh,

Thug thu bhuam gach nì [a] bh’ agam

Ann an cogadh nad adhbhar;

Cha chrodh is cha chaoraich

Tha mi [a’] caoidh ach mo chèile.

Ged a dh’fhàgte mi ’m aonar

Gun sìon san t-saoghal ach lèine,

Mo rùn geal òg.

’S dòcha gur e an ceathramh loidhne as làidire a chuireas beachd a’ bhoireannaich an cèill. Ann an cogadh nad adhbhar. ’S ann airson Theàrlaich a bhathar a’ sabaid – chan ann airson math na coimhearsnachd no na daoine aca fhèin. Tha fhios gu robh mòran de mhnathan na Gàidhealtachd dhen bheachd gu robh iad air a bhith na b’ fheàrr dheth mura robh Teàrlach Òg Stiùbhart air nochdadh a-riamh air cladach na h-Alba.

’S i Cairistìona Fhearghasdan, no NicFhearghais, a sgrìobh an t-òran. Bhuineadh i do Chunndainn ann an Siorrachd Rois. A rèir aithris, bha Cairistìona pòsta aig fear Uilleam Siosalach à Srath Ghlais. Is esan a bha a’ cumail bratach nan Siosalach aig Blàr Chùil Lodair. Eadhon nuair a bha arm nan Seumasach air an ratreut, lean na Siosalaich orra, a’ sabaid. Mu dheireadh bha iad gan dìon fhèin ann an sabhal agus bha Uilleam aig an doras. Chum e a h-uile saighdear dearg aig an robh claidheamh a-mhàin air falbh. ’S e duine calma a bh’ ann.

Ach fhuair buidheann de shaighdearan dearga air mullach an t-sabhail. Bha gunnaichean aca agus loisg iad air Uilleam. Fhuair e bàs mu dheireadh, le seachd peilearan ann.

A rèir beul-aithris, chruthaich Cairistìona an t-òran nuair a bha i a’ leantainn ciste Uilleim aig a thiodhlacadh. Thathar ag ràdh gun do bhuail i ruitheam an òrain le a làmhan air mullach na ciste. ’S dòcha nach eil sin fìor, agus tha ceistean ann fhathast mun òran. Mar eisimpleir, tha e annasach gur e an t-Eilean Sgitheanach an t-aon àite a th’ air ainmeachadh ann, seach Srath Ghlais no Siorrachd Rois …“ ’S iomadh bean a bha brònach, eadar Trondairnis is Slèite…”

Tha cuid ag ràdh gun do theich Cairistìona gu càirdean anns an Eilean Sgitheanach an dèidh Blàr Chùil Lodair, agus gur e sin as coireach. Chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach an e an fhìrinn ghlan a th’ againn mu eachdraidh an òrain – ach faodaidh sin a ràdh gur e òran air leth a th’ ann ris am bu chòir don a h-uile duine èisteachd mus beachdaich iad air an taic a thoirt do chogadh sam bith an là an-diugh.

Litir 317 Litir 317 Litir 319 Litir 319

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!