Anns an Litir mu dheireadh bha mi ag innse dhuibh mu “Androcles agus an Leòmhann”. ’S e tràill a bh’ ann an Androcles. Theich e bhon mhaighstir aige. Bha e
anns a’ choille. Ach cha robh e anns a’ choille leis fhèin. Bha leòmhann ann cuideachd. Bha spòg ghoirt aig an leòmhann. Bha droigheann anns an spòig.
Tharraing Androcles an droigheann a-mach. Spìon e an droigheann.
Nuair a chunnaic an leòmhann Androcles anns an raon-sabaid, dh’aithnich e e. Cha do mharbh e e. Dh’imlich e làmhan Androcles! Leig an Rìgh an leòmhann agus
an duine ma sgaoil. ’S e “Androcles agus an Leòmhann” tè de sgeulachdan Aesop. Bha Aesop a’ fuireach anns a’ Ghrèig o shean.
Tha mi fhathast a’ coimhead air na faclan spìon agus spìonadh. Tha geama ann air a bheil Spìonadh Anna Ghòrach. Spìonadh Anna
Ghòrach. Seo mar a tha e ag obair. Tha cuideigin air a thaghadh. Canaidh càch “Anna Ghòrach” ris an fhear no tè sin.
Tha bann clò air sùilean Anna. Cha bhi i a’ faicinn rud sam bith. Tha cuideigin ag ràdh rithe, “Tha do mhàthair gad iarraidh.”
Tha Anna a’ freagairt, “Carson?”
Tha am fear no tè eile ag radh, “A’ gabhail do bhrochan”.
Agus tha Anna ag ràdh, “Càite a bheil an spàin?”
Tha am fear no tè eile ag ràdh an uair sin, “Tionndaidh mun cuairt trì uairean agus amhairc air a son.”
Tha Anna a’ feuchainn ri grèim fhaighinn air daoine eile. Tha càch a’ putadh Anna. Tha iad a’ tarraing an aodaich aice – ’s e sin spìonadh. Tha
iad a’ spìonadh an aodaich aice. Tha feadhainn ag èigheachd, “Spìonadh Anna Ghòrach! Spìonadh Anna Ghòrach!” Tha an geama a’ sguir nuair a tha Anna a’
faighinn grèim air duine eile. ’S e am fear no tè sin “Anna Ghòrach” anns an ath gheam.
Bha geamannan mar sin ann air feadh na Gàidhealtachd. Bha iad ann an àiteachan eile cuideachd. A bheil sibh eòlach air mar Blind Man’s Buff, ’s
dòcha? Ann an àiteachan air tìr-mòr na Gàidhealtachd, ’s e Dallan Dubh an t-ainm a bh’ air a’ gheama. Ach ann an eileanan
Earra-Ghàidheal, bha daoine eòlach air fon ainm Spìonadh Anna Ghòrach. Agus ma ’s e “Anna” a th’ oirbh fhèin mar ainm, tha mi an dòchas gun gabh sibh mo
leisgeul. Tha fhios agam nach eil a h-uile Anna gòrach!