FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dornoch Dòrnach

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth, Thèid sinn,

Audio is playing in pop-over.

Dòrnach

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,

Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.

Chì sinn na beanntaichean [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh,

Chì sinn na caileagan bòidheach.

Tha an rann, no ceathramh, sin à faisg air Dòrnach. Ach bha na daoine a’ dol “thairis air an t-sruth”. Tha sin a’ ciallachadh gun robh iad a’ fuireach air taobh thall Caolas Dhòrnaich. A bheil sibh eòlach air Dòrnach? ’S e baile beag brèagha a tha ann, ann an Cataibh.

Ach tha an ceathramh à Siorrachd Rois. Seo e a-rithist:

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,

Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.

Chì sinn na beanntaichean [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh,

Chì sinn na caileagan bòidheach.

Tha an ceathramh a’ tighinn bho na bailtean ann am Machair Rois. Is iad sin na bailtean beaga air a bheil na Seaboard Villages ann am Beurla – Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic. ’S e bailtean iasgaich a bha annta. Bha a’ Ghàidhlig fhathast beò anns na bailtean sin gu o chionn ghoirid.

Rinn an t-Ollamh Seòsamh Watson à Baile Àtha Cliath obair air Gàidhlig agus beul-aithris na sgìre. Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn. ’S e tiotal an leabhair Saoghal Bana-mharaiche: Cunntas Beul-aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich ann am Machair Rois. ’S e leabhar inntinneach a tha ann.

B’ i a’ bhana-mharaiche san tiotal Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann. Bha i a’ fuireach ann am Baile a’ Chnuic. Thachair Seòsamh rithe an toiseach o chionn ceathrad bliadhna. Chaochail i ann an naoi ceud deug is ochdad (1980). Bha i naochad ’s a h-aon (91) bliadhna a dh’aois.

Chan eil duine beò an-diugh ann am Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair no Seannduaig, a bhuineas don àite, agus a tha fileanta ann an Gàidhlig. Ach tha nighean aig Isbeil Anna fhathast beò. ’S e Doilidh an t-ainm a tha oirre. Agus, mar a chì sinn an ath-sheachdain, tha ise a’ cumail beul-aithris na sgìre beò.

An Litir Bheag 138 An Litir Bheag 138 An Litir Bheag 140 An Litir Bheag 140

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!