Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,
Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.
Chì sinn na beanntaichean [a]’ gleidheadh sneachd an geamhraidh,
Chì sinn na caileagan bòidheach.
Chan ann tric a chluinnear “Dòrnach” ann an rann traidiseanta ann an Gàidhlig. Tha mi an dùil gu bheil sibh eòlach air Dòrnach – baile beag brèagha ann an
Cataibh. ’S aithne dhomh fear a rugadh is a thogadh ann an Dòrnach aig a bheil Gàidhlig, agus chan eil e cho fada sin bhon a bha an cànan aig a’ mhòr-chuid
anns an sgìre sin.
Ach tuigidh sibh nach ann à Cataibh a tha an ceathramh. Canaidh mi a-rithist e:
Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,
Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.
Chì sinn na beanntaichean [a]’ gleidheadh sneachd an geamhraidh,
Chì sinn na caileagan bòidheach.
Bhon àite às a bheil an ceathramh, bhiodh aig na daoine ri dhol “thairis air an t-sruth”. Bha na daoine a’ fuireach ann an Siorrachd Rois. Bha aca ri dhol
thar Caolas Dhòrnaich airson faighinn gu Dòrnach.
Tha an ceathramh sin a’ tighinn bho na bailtean iasgaich ann am Machair Rois – bailtean beaga ris an canar na Seaboard Villages ann am Beurla. Is
iad na bailtean sin Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic, agus bha a’ Ghàidhlig fhathast beò annta nuair a bha i air a dhol à bith mar chainnt
coimhearsnachd anns a’ mhòr-chuid de thaobh sear Rois.
Ged nach eil a’ Ghàidhlig beò an-diugh mar chainnt coimhearsnachd ann am Machair Rois, faodaidh sinn a bhith taingeil don Ollamh Seòsamh Watson on
Choláiste Ollscoile ann am Baile Àtha Cliath airson mòran de bheul-aithris Ghàidhlig na sgìre a ghleidheadh. Chaidh toradh a chuid obrach fhoillseachadh o
chionn ghoirid ann an leabhar Gàidhlig – “Saoghal Bana-mharaiche: Cunntas Beul-aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich ann am Machair Rois”. ’S e leabhar
inntinneach a th’ ann.
B’ i a’ bhana-mharaiche san tiotal Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann, a bha a’ fuireach ann am Baile a’ Chnuic. Thachair Seòsamh rithe
o chionn ceathrad bliadhna agus, ged a bha làn chlaigeann de Ghàidhlig aice, cha robh suidheachadh a’ chànain anns na bailtean beaga sin fallain idir.
Seo mar a tha Seòsamh fhèin a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an “Ro-bhriathar” aige:
Sluagh gun ghuth a bh’ ann an luchd-labhairt na Gàidhlig ann am Machair Rois mun àm a ràinig mise an t-àite a’ chiad uair a-riamh anns a’ Ghiblean
1967. Ged a bha barrachd is fichead neach an siud aig an robh a’ Ghàidhlig, cha bhiodh iad mar bu thrice a’ cleachdadh a’ chànain is iad a’ dèanamh
còmhradh eatarra fhèin – is cha chluinnte iomradh idir air a’ Ghàidhlig ga bruidhinn ri coigreach sam bith a thigeadh bhon taobh siar: nach robh Isbeil
Anna... a’ còmhnaidh fad bhliadhnachan an ath-dhoras ri tè à Eilean Leòdhais is gun ach corra fhacal Gàidhlig ri chluinntinn eatarra.
Thachair an aon rud am measg Gàidheil Machair Rois ’s a thachair leis an fheadhainn ann an suidheachadh car coltach air cladach sear Chataibh. Nuair a bha
Seòsamh ann, bhiodh iad a’ bruidhinn barrachd Gàidhlig nan àbhaist nam measg fhèin. Thachair an dearbh rud am measg muinntir Euraboill nuair a bha an
sgoilear Ameireaganach, Nancy Dorian, a’ rannsachadh na Gàidhlig aca.
Chan eil duine beò an-diugh ann am Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair no Seannduaig, a bhuineas don àite, agus a tha fileanta ann an Gàidhlig. Ach, mar a
chì sinn an ath-sheachdain, chan eil an cànan no a dualchas uile-gu-lèir air an cur air dhìochuimhne.