Anns an Litir mu dheireadh bha mi ag innse dhuibh mun leabhar aig Seòsamh Watson – Saoghal Bana-mharaiche. Chruinnich Watson beul-aithris
Ghàidhlig anns na bailtean beaga ann am Machair Rois. Is iad sin Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair agus Seannduaig.
Faisg air Seannduaig tha baile air a bheil Broomton ann am Beurla. ’S e a’ Ghàidhlig air broom – sin an lus – bealaidh. ’S e a’
Ghàidhlig air Broomton Baile a’ Bhealaidh.
Chruinnich Seòsamh Watson amaladh-cainnt anns an sgìre sin. Tha e co-cheangailte ri Baile a’ Bhealaidh. ’S e amaladh-cainnt a’ Ghàidhlig air tongue-twister. Tha e a’ dol mar seo: Caoraich Baile a’ Bhealaidh ag ithe bealaidh aig beulaibh Baile a’ Bhealaidh. Chan eil sin ro
dhoirbh, a bheil? Feuchaibh e! Caoraich Baile a’ Bhealaidh ag ithe bealaidh aig beulaibh Baile a’ Bhealaidh.
Bha mi ann am Machair Rois o chionn ghoirid. Bha feasgar sònraichte ann. Bha daoine ag innse sgeulachdan is naidheachdan. Chaidh mi ann gu sònraichte
airson èisteachd ri tè a bhuineas do Mhachair Rois. Is ise Doilidh NicDhòmhnaill. Tha i làn beul-aithris na sgìre.
B’ i màthair Doilidh Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann. Bha Gàidhlig gu leòr aig Isbeil. Thug i tòrr beul-aithris do Sheòsamh Watson.
Chan eil Doilidh fhèin buileach fileanta ann an Gàidhlig. Ach tha beagan aice. Agus tha i uabhasach fiosrachail mu dhualchas na sgìre.
Thug i rann Ghàidhlig seachad mun Linnet Mhòr – soitheach a chaidh fodha ann an stoirm anns an naoidheamh linn deug:
Linnet Mhòr bha siubhal a’ chuain
Thàinig i steach air oidhche ghruaim
Is thilg an stoirm a Chadabol i.
’S e Cadabol baile beag faisg air Baile a’ Chnuic. Tha beul-aithris aig an t-sluagh fhathast mun stoirm sin. Thachair an tubaist ann an ochd ceud deug,
ceathrad ’s a trì (1843).
Fhad ’s a bha mi ag èisteachd ri Doilidh, bha i gu math stoirmeil a-muigh. Dìreach mar a bha i nuair a chaidh an Linnet fodha.
Linnet Mhòr bha siubhal a’ chuain
Thàinig i steach air oidhche ghruaim
Is thilg an stoirm a Chadabol i.
An ath-sheachdain innsidh mi tuilleadh dhuibh mu chall an t-soithich sin.