FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Highland astronomer Reuladair Gàidhealach

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh an-diugh mu reuladair

Audio is playing in pop-over.

Reuladair Gàidhealach

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh an-diugh mu reuladair ainmeil Gàidhealach. A bheil sibh eòlach air an fhacal “reuladair”? ’S e sin a’ Ghàidhlig air “astronomer”. Reuladair. ’S e an t-ainm a bha air an reuladair Ghàidhealach – Johann von Lamont. Bha e beò anns an naoidheamh linn deug. Bha e uabhasach ainmeil mar neach-saidheans. Johann von Lamont? Fear Gàidhealach?! Uill, feumaidh mi tuilleadh innse dhuibh. ’S e Johann von Lamont ainm Gearmailteach. Ach ’s e Albannach a bha anns an duine. Ann am Beurla, b’ e ainm “John Lamont”.

Rugadh John ann an ochd ceud deug ’s a còig (1805) ann an Coire Mhuillidh. Tha Coire Mhuillidh ann an Bràigh Mhàrr ann an Siorrachd Obar Dheathain. Aig toiseach an naoidheamh linn deug, bha na daoine an sin gu math Gàidhealach. Eadhon aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha Gàidhlig aig ochdad ’s a sia às a’ cheud (86%) dhen t-sluagh. Mar sin, tha mi a’ dèanamh dheth gun robh Gàidhlig aig John Lamont.

B’ e John an aon phàiste aig Raibeart is Ealasaid Lamont. Bha Raibeart na choilltear. Bha e ag obair air oighreachd Iarla Fìobha. B’ e frith-ainm seanair John “Am Fear Òg Buidhe”. Agus b’ e frith-ainm a shinn-sheanar “An Seanair Buidhe”. Bha falt buidhe a’ ruith anns an teaghlach. Bha “seanair” anns an fhrith-ainm a’ ciallachadh “èildear anns an Eaglais Chlèirich”. Bha an Seanair Buidhe na Chlèireach an toiseach. Ach chaidh e a-null don Eaglais Chaitligich ann an seachd ceud deug ’s a còig (1705). Bha an creideamh Caitligeach làidir ann am Bràigh Mhàrr.

Bha John – an reuladair – Caitligeach cuideachd. ’S e sgoilear math a bha ann. Chaidh e gu sgoil bheag anns an sgìre. Bha ùidh aige anns na speuran nuair a bha e òg. Bha e a’ coimhead air na rionnagan air an oidhche. Chunnaic e Slighe Chlann Uisnich agus na rionnagan is planaidean. Tha sinn fhathast fada bhon Ghearmailt, ge-tà. Ach thèid sinn ann an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 129 An Litir Bheag 129 An Litir Bheag 131 An Litir Bheag 131

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!