Anns an Litir mu dheireadh, dh’innis mi dhuibh mu dhà bheathach annasach. Tha iad a’ fuireach air eileanan ann an Loch Laomainn. ’S iad an dathas – no fallow deer – agus seòrsa de ualabai. An t-seachdain seo, tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu chreutair eile. ’S e sin eun mòr – an capall-coille.
Thàinig Seton Gòrdan a Loch Laomainn anns na tritheadan. Chuala e gun robh capaill-choille a’ cur seachad na h-oidhche ann an Innis Caillich. Bha iad a’
dol suas air na craobhan-giuthais. Gach oidhche bha iad a’ fàgail tìr-mòr, agus a’ dol don eilean.
Chaidh Gòrdan a-mach don eilean. Dhìrich e don choille far a bheil na craobhan-giuthais. Dh’fhuirich e gu sàmhach. Thàinig an oidhche. Ach cha tàinig na
capaill-choille.
Chan fhaca mi fhìn capall-coille nas motha. Ach, a rèir choltais, tha iad fhathast ann an sgìre Loch Laomainn. ’S e eileanan Loch Laomainn an t-àite as
fhaide deas ann an Alba anns a bheil an capall-coille.
Bha mi a’ fuireach ann an Innis Mhearain. ’S e sin an t-eilean as motha anns an loch. Tha e a’ faighinn ainm bhon Naomh Mearain. Bha caibeal aig Mearain
anns an eilean. Tha an naomh sin gu mòr co-cheangailte ri Pàislig. ’S e Saint Mirren an t-ainm a th’ air ann am Beurla. Tha sgioba ball-coise ann
am Pàislig air a bheil St Mirren FC.
Bidh daoine aig a bheil bàtaichean a’ tadhal air Innis Mhearain. Tha taigh-òsta anns an eilean. Tha feadhainn a tha a’ fuireach anns an eilean a’ dèanamh
sgitheadh-uisge. Tha an t-àite math airson sin.
Bha seann charaid agam na phoileas ann an Lus. ’S e Lus baile beag air bruach Loch Laomainn. Bha stòiridhean matha aige. Bha e ag innse dhomh mu bhith a’
coimhead airson daoine a bha a dhìth anns an loch. Uaireannan cha d’ fhuair iad na cuirp aca. Tha mi fìor dhuilich nach do chlàir mi na stòiridhean aige.
Bha iad fìor mhath. Agus bha iad aige ann an Gàidhlig agus Beurla.