Cò an reuladair Gàidhealach a b’ ainmeile a bh’ ann riamh? Abair ceist airson toiseach na Litreach an t-seachdain seo! ’S dòcha gum bi feadhainn agaibh ag
ràdh – “An robh reuladair ainmeil ann riamh a bha cuideachd na Ghàidheal?” Uill, tha mi a’ dèanamh dheth gun robh. Co-dhiù, bha e ainmeil mar reuladair. B’
e fear de na reuladairean a b’ ainmeile a bh’ ann san t-saoghal ri linn. Agus chuireadh e iongnadh orm mura robh Gàidhlig aige – ged nach d’ fhuair mi
dearbhadh air sin le cinnt.
Tha mi a-mach air Johann von Lamont nach maireann. Chan eil ainm a’ coimhead ro Ghàidhealach air a’ chiad shealladh, a bheil? Tha e a’ coimhead
Gearmailteach – Johann von Lamont. Tha sinn eòlach air mòran Ghearmailteach san latha an-diugh a th’ air Gàidhlig ionnsachadh gu fileantachd – agus tha iad
a’ toirt toileachas mòr dhòmhsa, feumaidh mi ràdh. Ach cha b’ e Gearmailteach a bh’ ann an Johann von Lamont, a dh’aindeoin ainm. ’S e Albannach a bh’ ann.
Seo agaibh geàrr-chunntas de bheatha.
Rugadh e ann an ochd ceud deug ’s a còig (1805) ann an Coire Mhuillidh ann an Bràigh Mhàrr ann an Siorrachd Obar Dheathain. Tha Coire Mhuillidh eadar Baile
a’ Chaisteil – no Braemar – agus Inbhir Èidh – no Inverey. Aig toiseach an naoidheamh linn deug, bha na daoine anns an sgìre sin cho Gàidhealach ris na garragan. Eadhon aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha Gàidhlig aig ochdad ’s a sia às a’ cheud (86%) dhen
t-sluagh ann an Inbhir Èidh. Chanainn, mar sin, gun robh e gu math coltach gur e a’ Ghàidhlig a bh’ aig Johann von Lamont mar chiad chànan. Johann von
Lamont? Uill, ’s dòcha gu bheil an t-àm ann ainm tùsail a thoirt dhuibh.
Ann am Beurla, b’ e John Lamont. B’ e an aon phàiste aig Raibeart is Ealasaid Lamont. Bha Raibeart na choilltear air oighreachd Iarla Fìobha. Gu tric, ’s e
“Mac Laomainn” a chanamaid ri “Lamont” ann an Gàidhlig, ach tha mi a’ smaoineachadh gur e MacIlleDhuibh a bh’ orra ann am Bràigh Mhàrr. Bha iad a’ dèanamh
dheth gum b’ e fear air an robh “An Gille Dubh” a’ chiad cheann-cinnidh aca. Mar sin, ’s e “Iain MacIlleDhuibh” a tha mi a’ dol a ghabhail air John Lamont
– gus an ruig ar stòiridh a’ Ghearmailt, co-dhiù. Ach feumaidh mi ràdh nach eil mi cinnteach nach e “Seonaidh” a bh’ air, seach “Iain”.
Chan eil mi cinnteach nas motha an robh falt dubh air. ’S e “Am Fear Òg Buidhe” a chanadh iad ri sheanair – Iain eile. Agus bha a shinn-sheanair, Iain eile
a bharrachd, aithnichte mar “An Seanair Buidhe”. Bha “seanair” anns an fhrith-ainm aige a’ ciallachadh “èildear anns an Eaglais Chlèirich”. Ge-tà, cha do
mhair e na Chlèireach. Chaidh e a-null don Eaglais Chaitligich ann an seachd ceud deug ’s a còig (1705). B’ e an creideamh Caitligeach am fear a bu làidire
ann am Bràigh Mhàrr.
Bha Iain – an reuladair – na Chaitligeach cuideachd. ’S e sàr-sgoilear a bh’ ann. Chaidh e gu sgoil bheag mu dhà mhìle bhon taigh aige. Thathar ag ràdh gun
do sheall e ùidh anns na speuran aig aois gu math òg. Bhiodh e a’ coimhead air na rionnagan air an oidhche. Chanainn gun robh e a’ fuireach ann an àite
math airson sin. Air oidhche shoilleir gheamhraidh, gheibhear sealladh math de Shlighe Chlann Uisnich agus na rionnagan eile.
Ach tha sinn fhathast fada bhon Ghearmailt. Bidh sinn a’ gabhail sgrìob ann an ath-sheachdain.