FaclairDictionary EnglishGàidhlig

John Black Iain MacIlleDhuibh

Bha John Lamont ainmeil mar reuladair. Bha e beò anns

Audio is playing in pop-over.

Iain MacIlleDhuibh

Bha John Lamont ainmeil mar reuladair. Bha e beò anns an naoidheamh linn deug. ’S e Albannach a bha ann. Bha e à sgìre Ghàidhealach ann an Siorrachd Obar Dheathain. Ach dh’fhàs e ainmeil anns a’ Ghearmailt. Tha mòran eòlach air mar “Johann von Lamont”.

Bha colaiste Chaitligeach Albannach ann am Babhàiria anns an naoidheamh linn deug. Aig aois dusan bliadhna, fhuair John àite anns a’ cholaiste. ’S e sgoilear uabhasach math a bha ann. Bha e anns a’ cholaiste beagan bhliadhnaichean. Bha e fìor mhath air Matamataig. Cho-dhùin e gun a bhith na shagart. Dh’fhàg e a’ cholaiste. Chaidh gu ionad-foghlaim saidheansail ann am Munich. Dh’ionnsaich e mu shaidheans is reul-eòlas.

Rinn e adhartas proifeiseanta gu luath. Taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean fhuair e dreuchd shònraichte – Reuladair Rìoghail Bhabhàiria. Bha prosbaig mhòr mhòr aige. Thug e sùil air na rionnagan. Rinn e mapaichean de na rionnagan. Chlàir e na mìltean de rionnagan.

Dh’fhàs e beartach. Chaidh Sagart Bhràigh Mhàrr a chèilidh air. Ghabh e iongnadh cho beartach ’s a bha John. Ach bha beatha shìmplidh aige. Cha do phòs e. Cha do chosg e mòran airgid air fhèin.

Ann an ochd ceud deug, caogad ’s a dhà (1852), fhuair e dreuchd eile – Proifeasair an Reul-eòlais ann an Oilthigh Mhunich. Rinn e obair air dubhadh na grèine. Rinn e obair mhòr cuideachd air a’ phlanaid Uranus. B’ esan a chiad duine a rinn tomhas ceart air cuideam Uranus. Rinn e obair air Saturn cuideachd.

Fhuair John ballrachd ann an Acadamaidhean Rìoghail Bhabhàiria is Dhùn Èideann. Fhuair e ballrachd ann an Acadamaidhean na Bruiseil, Upsala is Prag – agus buidhnean acadamaigeach eile. Bha e na Ridire ann an grunn bhuidhnean. Bha e na Ridire ann am Babhàiria. Air sgàth sin, bha cead aige “von” a chur ri ainm. Bho John Lamont, dh’èirich Johann von Lamont. Bheir sinn sùil a bharrachd air an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 130 An Litir Bheag 130 An Litir Bheag 132 An Litir Bheag 132

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!