FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Spìonadh Anna Ghòrach!

Chuir mi crìoch air an Litir mu dheireadh leis an

Audio is playing in pop-over.

Spìonadh Anna Ghòrach!

Chuir mi crìoch air an Litir mu dheireadh leis an t-seann sgeulachd aig Aesop – “Androcles agus an Leòmhann”. Bha Androcles na thràill. Bha e air droigheann a spìonadh à spog an leòmhainn nuair a bha iad còmhla anns a’ choille. Agus nuair a chunnaic an leòmhann Androcles anns an raon-sabaid, dh’aithnich e e. An àite a mharbhadh, ’s ann a dh’imlich e làmhan Androcles. Bha an Rìgh dhen bheachd gu robh sin iongantach agus leig e an leòmhann agus an duine ma sgaoil. ’S e teachdaireachd na sgeulachd gu bheil taingealachd na chomharra air uaisleachd.

Coltach ri Androcles, bha Aesop e fhèin na thràill. Thathar a’ smaoineachadh gun do rugadh e timcheall air a’ bhliadhna sia ceud is fichead (620) RC – ’s e sin Ro Chrìosd. Bha e ann an tràilleachd do dhithis – Xanthus agus Jadmon. Agus ’s e Jadmon a leig ma sgaoil e – a chionn ’s gu robh e cho inntinneach is eirmseach.

Bha e ag obair airson greis mar thosgaire do rìgh Greugach. Ach turas a bha seo chaidh e gu ruige Delphi le stòras mòr de dh’òr airson a thoirt do mhuinntir an àite. Ach ghabh Aesop droch bheachd air muinntir Dhelphi agus dhiùlt e an t-òr a thoirt seachad. Bha muinntir a’ bhaile feargach agus chuir iad Aesop gu bàs.

Co-dhiù – air ais don fhacal spìon. Tha e càirdeach do spine ann am Beurla. Tha na dhà, a rèir choltais, a’ tighinn bhon fhacal Laideann spina a tha a’ ciallachadh droigheann no bior. O shean bha spìn a’ ciallachadh droigheann ann an Gàidhlig cuideachd. An dearbh rud a bhiodh duine a’ spìonadh nam faigheadh e fear na chraiceann.

Tha sin gam thoirt gu geama. Seann gheama air a’ Ghàidhealtachd air a bheil Spìonadh Anna Ghòrach. Spìonadh Anna Ghòrach. Seo mar a tha e ag obair. Tha cuideigin air a thaghadh. Gabhaidh càch “Anna Ghòrach” air an fhear no tè sin. Chan eil e gu diofar co-dhiù tha e no i fireann no boireann.

Bidh sùilean Anna air an còmhdachadh le bann clò. Chan fhaic i rud sam bith. Bidh cuideigin eile ag ràdh rithe an uair sin, “Tha do mhàthair gad iarraidh.” Bidh Anna a’ freagairt, “Carson?”

Bidh am fear no tè eile ag radh, “A’ gabhail do bhrochan”. Agus bidh Anna a’ freagairt, “Càite a bheil an spàin?”

Bidh am fear no tè eile ag ràdh an uair sin, “Tionndaidh mun cuairt trì uairean agus amhairc air a son.”

Leis a sin, bidh Anna a’ feuchainn ri buntainn no greimeachadh air daoine eile. Agus bidh iadsan a’ gabhail spòrs. Bidh iad a’ putadh Anna. No bidh iad a’ tarraing air a cuid aodaich – ’s e sin spìonadh. Fhad ’s a tha sin a’ tachairt bidh feadhainn ag èigheachd, “Spìonadh Anna Ghòrach!” Tha an geama a’ tighinn gu crìch nuair a gheibh Anna grèim air cuideigin eile.

Bha geamannan mar sin ann air feadh na Gàidhealtachd agus ann an àiteachan eile a bharrachd. Bidh cuid eòlach air mar Blind Man’s Buff. Ann an àiteachan air tìr-mòr na Gàidhealtachd, ’s e Dallan Dubh a bh’ air a’ gheama. Ach ann an eileanan Earra-Ghàidheal bha daoine eòlach air fon ainm Spìonadh Anna Ghòrach.

Litir 316 Litir 316 Litir 318 Litir 318

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!