Tha am facal “Spion” a’ nochdadh gu tric ann an ainmean-àite. Càite? Uill, air feadh an t-saoghail. Tha am facal Gàidhlig spìon a’ ciallachadh pluck no tug. Ma tha sibh a’ toirt iteagan à cearc, tha thu “a’ spìonadh na circe”. Agus bidh daoine a’ spìonadh luibhean – lusan nach
eil iad ag iarraidh.
Anns a’ Mhonadh Ruadh tha cnoc ann air a bheil Spion Rocks. ’S e ainm Beurla a th’ ann. Agus tha e am measg ainmean Gàidhlig. Ach an ann às a’
Ghàidhlig a tha an Spion ann an Spion Rocks? Tha mi a’ smaoineachadh nach ann. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann à Afrikaans a tha e.
Nuair a thàinig daoine dhachaigh à Afraga a Deas, thug iad ainmean leotha. Ainmean mar Spion Kop. Tha baile air a bheil Spion Kop mar ainm ann an
meadhan Shasainn. Tha fear eile ann an Astràilia. Tha toll anns an raon-ghoilf ann an Àrasaig air a bheil Spion Kop. ’S e Spion Kop a bh’ air an “Kop” ann
an Liverpool an toiseach. Sin pairt dhen stadium aig sgioba ball-coise Liverpool.
Agus cò na daoine a thug an t-ainm sin dhachaigh à Afraga a Deas? Saighdearan. Bha batail air Spion Kop eadar na Boers agus na Breatannaich. Bhuannaich na
Boers. Bha sin anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900).
Ann an Afrikaans tha Spion Kop a’ ciallachadh “cnoc-faire”.’S e sin àite far a bheil sealladh ann. Cnoc-faire. Dh’ainmich na voortrekkers e ann an
ochd ceud deug, trithead ’s a còig (1835).
Chan eil mi cinnteach a bheil leòmhainn anns an sgìre sin an-diugh. No an robh leòmhainn anns an sgìre sin nuair a bha na voortrekkers ann. Ach
tha leòmhainn gu leòr ann an Afraga a Deas. Agus, a’ bruidhinn air leòmhainn, a bheil cuimhne agaibh air an t-seann sgeulachd mu dheidhinn leòmhann agus
tràill? Sin a’ Ghàidhlig air slave. Tràill.
Bha an leòmhann agus an tràill còmhla. Bha iad ann airson sabaid. Bha na daoine an dòchas gun robh an leòmhann a’ dol a mharbhadh an tràill. Ach cha do
mharbh. Dh’imlich an leòmhann làmhan an tràill!
Carson? Uill, bha an leòmhann ag aithneachadh an duine. Chuidich an duine an leòmhann là roimhe. ’S e Androcles an t-ainm a bh’ air an duine. Agus dè rinn
e? Thug e droigheann a-mach à spog an leòmhainn. Spìon e an droigheann.